<link>http://www.ambaile.org.uk/</link> <logo url="http://www.ambaile.org.uk/images/logo.gif"/> <atom:link rel="next" href="http://www.ambaile.org.uk/?language=gd&service=set&action=show_content_page&category=3&set=12&rss_mode=1&page=2"/> <item> <title>Tìodhlacan na Nollaig 'S e Là na Nollaig a th' ann agus àm sgaoileadh nan tìodhlacan. Tha Santa air a bhith còir: tha mòran ann dhan a h-uile duine. Tha Dadaidh ag iarraidh cuideachadh a' toirt seachad nan gibhtean dhan teaghlach. An cuidich thu e? http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341568&mime_type=&launchZoom=41568 Draoidh-ille Tha sgoilear bhuidseachd a' cur ruaig air dithis mhaoidhear. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341489&mime_type=&launchZoom=41489 Fraoch Tha an gaisgeach, Fraoch, airson Fionndabair àlainn a phòsadh ach feumaidh e a luach fhèin a dhearbhadh dha màthair. Bheir ise gnìomh chunnartach dha - dearcan leigheasach a thoirt air ais thuice bho chraoibh ann am meadhan an Loch. Ach tha dràgon anns an uisge agus mar sin, tòisichidh blàr. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341491&mime_type=&launchZoom=41491 Gog Gog Chan eil sgath tombaca aig a' chroitear airson na pìob aige. 'S ann le sia uighean a cheannaicheas e tuilleadh tombaca ach chan eil ach còig uighean aige. Ach chan eil a' chearc airson seo idir! Tha tòrr ruith is tòrr tàlaidh a'gabhail àite. Feuchaidh e fiù 's cluiche air a' chuisle-chiùil ann an oidhirp an t-eun a thàladh! http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341492&mime_type=&launchZoom=41492 An Taigeis Express Chan eil e furasda a bhith na do thaigeis san t-saoghal fhiadhaich a th' ann! Na aonar san uaimh am mullach na beinne tha Mgr. Taigeis a' cur seachad làithean a' bruadar air coinneachadh ri ban-taigeis, agus gu h-iongantach thàinig seo gu buil dha! Gu mì-fhortanach 's e beathach clobhdach a th' ann am Bubu, a' phìob-mhor pheata aige, agus cha robh e fada a' cur ruaig air tè nam bruadaran gaoil. Leanaidh sàbhalaidhean iongantach ... gus mu dheireadh a thàinig a' bhan-taigies air ais dhan uaimh gus an gaisgeach leòinte a chuideachadh - Bubu! Feumaidh Mgr. Taigeis a bhith ris na bruadairean fhathast! http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341493&mime_type=&launchZoom=41493 Obair! Obair! Tha Dòmhnall is Morag ann an gaol. Ach tha e doirbh dhaibh coinneachadh. Tha loch mòr eatarra, Caol an Teangaidh, agus cuideachd, tha athair Moraig ann. Ann am fìor èiginn, cuiridh Dòmhnall roimhe gun iarr e air na sìthichean-obrach an cuideachadh. Thèid aca air na leannanan a chuideachadh a' tighinn còmhla ach chan fhàg iad leotha fhèin iad aig fois. Èighidh na sìthichean tranga "Obair! Obair!" 'S mar seo, bidh aig na leannanan sàraichte ri barrachd obrach a lorg gus an luchd-cuideachaidh a chumail gu math trang. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341494&mime_type=&launchZoom=41494 Ailidh Mal Choisinn Ailidh Mal - am fear mu dheireadh de na 'Forsairean Saora' - a bheò-shlàint a' dèanamh an uisge-bheatha aige fhèin. Chuir seo fearg air na saighdearan no na 'Còtaichean Dearga' a rinn an dìcheall gus crìoch a chur air. Cha do rinn Ailidh Mal cron dhaibh idir ach rinn e a' chùis orra a h-uile turas. Uaireannan, chaidh aige air faighinn thairis air abhainn air trosdanan! B' e bò mhòr a bha dèidheil air uisge-beatha, is a' mhisg oirre, am ball-airm falaichte a bha aige. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341495&mime_type=&launchZoom=41495 Ailean nan Creach Fhuair Ailean nan Creach cliù airson nan seachd creachan brùideil is an-iochdmhor a rinn e. Aon latha, chuir e roimhe gun dèanadh e deas-ghnàth pàganach neo-chleachdte dhen ainm "an taghairm" far an do chuir e cat ann an cràdh gus an nochdadh ainmhidh-sàmhla Lochabair - a bha na chat uamhasach mòr. Cha do dh' obraich am plana seo mar a bha Ailean an dùil oir bha uiread de ghràin aig a' chat mhòr air Ailean 's gun tug e air na seachd eaglaisean a thogail gus an t-aithreachas aige a shealltainn. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341496&mime_type=&launchZoom=41496 Murchadh Dubh na h-Uamha Tha Mac Gill'Anndrais olc, air àite Mhurchaidh Dhuibh Mhic Coinnich, Ceannard Chinntàile, a ghabhail gun chòir. An dèidh dha àireamh bhliadhnachan a chur seachad ann an uamhan, theich Murchadh Dubh a Leòdhas agus dh' iarr e cuideachadh air Gille Riabhach. Thill iad nan dithis agus le cuideachadh na banaltraim dilis aige, choisinn iad dualchas Mhurchaidh Dhuibh air-ais. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341497&mime_type=&launchZoom=41497 Thig Air Ais A Ghrian Chan fhaca Gleann Lìobhann a' ghrian fad a' gheamhraidh - gus an tàinig mios Màirt. Chuir clann a' ghlinne romhpa Deas-Ghnàth Pàganach a choileanadh, gus a' ghrian a tharraing air ais is gus am bi samhradh nas teotha aca! Ach bi cinnteach nach loisg thu do chasan san teine! http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341498&mime_type=&launchZoom=41498 Nàbaidhean Tha trioblaid ann do dh' athair is dha nighean nuair a thig nàbaidhean ùra a dh' fhuireach an ath dhoras. Gheibh a' chailleach biadh dhan mhac leisg aice, ann an cruth geàrr draoidheil, le bhith a' toirt "smior" bho bheathaichean nan nàbaidhean agus ga thoirt dha na beathaichean caola aice fhèin. 'S e duine innleachdach a tha san athair agus cleachdaidh e an seann leigheas ainmeil bonn-a-sia airgid bho bharaille gunna gus stad a chur air a' bhana-bhuidsich - gus an cuir seo a mac dhan Ionad-Obrach... http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341499&mime_type=&launchZoom=41499 An Sgadan Airgid Cha b' urrainn do dh' iasgairean Ulapuil iasg a ghlacadh fhad 's a bha na h-iasgairean thar na mara air Eilean Leodhais a' tarraing a-steach lìontan làn sgadan. Ann am fìor èiginn, leagh mnàthan Ulapuil an seudan gus Sgadan Airgid a dhèanamh agus thug iad do na fir-iasgaich aca e, mar bhaoit. Aon uair 's gun do lorg fir Ulapuil dòigh Bana-bhuidseach na Mara, a tha a' dìon oirthir Leodhais, a mhealladh, tha maise an sgadain airgid a' tàladh sgaothan de sgadan air ais gu Ulapul http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341500&mime_type=&launchZoom=41500 Coinneach Odhar Fiosaiche Cha robh aig Coinneach Odhar, Fiosaiche Bhrathainn, ach sealltainn tro tholl anns a' chloich airson faicinn dè bha ri tachairt. Mus robh trèanaichean riamh ann, chunnaic e carbadan gun eich a' gluasad tron dùthaich. Chunnaic e gun deigheadh cur às do dh' fhèidh agus do bheathaichean fiadhaich na Gàidhealtachd le 'Uisgeachan grànda, dubha'. Chunnaic e cuideachd geòidh mhòra, ghlasa os cionn Inbhir Nis, 's e sin na plèanaichean a chì sinne an-diugh. Chaidh gach nì gu math gus am faca e gu dè bha an duine aig Ban-iarla Shìophoirt ris... agus dh' innis e dhi! http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341501&mime_type=&launchZoom=41501 Ban-tighearna Labhair Thàinig BanTighearna Labhair, Ban-Fhiosaiche Ghàidhealach às an Apainn, ann an cuideachd nan "Companach Ruadh", gu taobh Loch Tatha dìreach an dèidh dhan àite bhith air a reubadh leis an arm aig Montròs ann an 1646. Chuidich i a cèile ann an ath-thogail de sgìre Labhair. Bha strì eadar iad fhèin agus Caimbeulaich Ghleann Urchaidh a dh' fhàs cho cumhachdach aig an àm seo agus a bha a-rithist nan uachdarain air talamh Bhragh'd Albainn, agus tron chò-strì seo fhuair i a comas fàisneachd. Rinn i mòran fàisneachd mu mhuinntir an àite agus mun bheartas a thigeadh gu Loch Tatha agus an uairsin mu na Fuadaichean a thàinig a-rithist http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341502&mime_type=&launchZoom=41502 Doiteag Mhuileach Tha seòladairean dàna a' cur a' bhàta aca ann an cala Thobar Mhoire ann am Muile. Tha bana-bhuidseach an àite, Doiteag, ag iarraidh orra falbh. Dh' èigh i ri a càirdean, Bana-bhuidseach Thiriodh agus Bana-bhuidseachd Ìle, a thighinn ga cuideachadh. Cuiridh iad rud sam bith gu feum gus bacadh a chur air na seòladairean. Ach chan obraich sìon gus an leig Bana-Bhuidseach Loch Abair na cait aice mu sgaoil air na seòladairean bochda. Saoil an tèid aca air an soitheach a chur fodha? http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341503&mime_type=&launchZoom=41503 An Nathair Gheal 'S e dròbhair bochd a th' ann am Fearchar, ach lorg e steafag iongantach. Bidh am maide àraid seo a' bruidhinn agus ga chuideacheadh gus a' bhò a chur chun na margaid. Iarraidh coigreach dorch orra cuideachadh a thoirt dha leis an nathair gheal a lorg - 's e an rud mu dheireadh a dh' fheumas e a chur na bhrot dhraoidheil. Ach ghoil an deoch thairis agus le bhith ag imlich a chorragan fhuair Fearchar cumhachdan leigheasach. Leis a' mhaide chudromach, chuir e ruaig air a' choigreach dhorch agus gheibh Fearchar ainm mar lighiche. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341504&mime_type=&launchZoom=41504 Am Pìobaire Deònach 'S e duine dàna a tha sa phìobaire a tha a' dèanamh a shlighe sios, e-fhèin 's a chù, dhan uaimh dhorch an tòir air ionmhas. Tha e cunnartach an siud is an t-àite làn bhiastan, uile-bheistean agus mhucan fiadhaich. Gu h-àrd, bha eagal air muinntir an àite nuair a thàinig an cù air ais na aonar. Ach chan eil am pìobaire deiseil fhathast. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341505&mime_type=&launchZoom=41505 Am Ministear a Chunnaic na Sithichean Fhuair An t-Urramach Kirk, Ministear san t-seachdamh linn deug, cliù airson a chomas na sìthichean fhaicinn. Sgrìobh e leabhar a' tarraing air na cleachdaidhean aca agus aig deireadh a bheatha, thatar a' creidsinn gun do dh' fhalbh e dhan t-sìthean. Tha am film seo ag innse sgeulachd a' chiad uair a chunnaic e na sìthichean. Thachair e aon oidhche nuair a bha e na mhinistear ann am Both-chuidir is e air am Mansa fhàgail airson a dhol a-null dhan Eaglais a dh' ùrnaigh. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341507&mime_type=&launchZoom=41507 'S e A-Nochd an Oidhche! 'S e a' bhliadhna 1612 a th' ann air Gàidhealtachd na h-Alba. Tha cumhachd Clann an Aba air smodar a dhèanamh dhe na nabaidhean aca, Clann Neis. Mar dhùbhlan deireannach tha na Neisich a' goid cuid-stòr Nollaig Chlann an Aba, is a' falbh leis dhan eilean far a bheil an daingneachd fhèin. Ach le ochdnar bhràithrean is pheathraichean beaga acrach gan spreigeadh tha diùlnaich Chlann an Aba ag iarraidh dìoghaltais agus, le cleas nach gabh creidsinn, tha iad a' dèanamh creach oidhche air daingneachd nan Neiseach. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341508&mime_type=&launchZoom=41508 Cuchullain sa Cheò Thàinig Cuchullain, gaisgeach Eireannach, a Shlèite san Eilean Sgitheanach san dara linn gus an ionnsaicheadh e ealain cogaidh bhon bhana-ghaisgeach iomraiteach Sgathach aig a daingneachd, Dun Sgathaich. Nuair a thàinig bana-gaisgeach eile buileach nas cumhachdaich, Aise, o thìr mòr na h-Alba, gus ionnsaigh a dhèanamh air Sgathach, rinn Cuchullainn a' chùis oirre ga sabaid leis-fhèin air Ròpa nan Euchd. Thug Cuchullain an uairsin air Aise innse dha mar a chleachdadh e an Gath-Bolg, inneal-cogaidh uile-chumhachdach, a thèid a leigeil às fon uisge leis na casan, leis am bi e a' dìon onair Fir Ulaidh a-rithist. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341509&mime_type=&launchZoom=41509 Call na h-Iolaire Chaidh soitheach an Nèibhidh an Iolaire fodha ann an suidheachadh duilich ann an sealladh oirthir Leòdhais ann an 1918 is i làn dhaoine às na seirbheisean a thàinig beò às a' Chogadh Mhòr. (Chaidh ochd ceud dhiubh a mharbhadh ann.) Chaidh dòchasan mòra nan daoine aig an robh gràdh dhaibh a bhriseadh is iad a' feitheamh riutha gu sunndach air cidhe Steòrnabhaigh. Cha tàinig beò às ach trì fichead duine 's a trì às an dà cheud trì fichead duine 's a trì-deug a bha air bòrd. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341510&mime_type=&launchZoom=41510 An Turas Siar 1 - Uamh na Tasgaidh An Turas Siar, Earrann 1: 'S e seo toiseach na sgeulachd anns a bheil na leth-aonan Alda 's Aldan air an sgaradh o chèile agus tha a' chuairt-dànachd aca a' tòiseachadh. Nuair a lorg Aldan ionmhas ann an uamh roi-eachdraidheil bha e air a ghoid air falbh le nathair ionmhas Ghalicia 's air a thoirt gu Eilean Ceilteach nan Naomh. Fhuair a phiuthar, Alda, a-mach càite an robh e 's chaidh i às a dhèidh ann am bàta beag. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341511&mime_type=&launchZoom=41511 An Turas Siar 2 - An Taobh Thall An Turas Siar, Earrann 2: Tha turas gu seann tùr sa Bhreatann Bheag a' tòiseachadh cuairt-dànachd anns a bheil na leth-aonan Alda 's Aldan gan lorg fhèin ann an saoghal nach robh fhios aca a bh' ann. Tha Aldan air a chumail na neach-gèill air Eilean nan Naomh fo amharas gun do ghoid e òr agus tha a phiuthar, Alda, a' coinneachadh ris an droch mhaighdeann-mhara Màiri Morgana airson a' chiad uair. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341512&mime_type=&launchZoom=41512 An Turas Siar 3 - Fìor Dhraoidheachd An Turas Siar, Earrann 3: Chaidh bàta Alda an sàs ann an ceò tiugh fhad 's a bha 'n oidhche a' tuiteam. Rinn i a slighe a dh' ionnsaigh solas tarraingeach 's lorg i seann draoidh Cuimreach a sheall dhi gu robh a bràthair Aldan ann an cunnart. Chum i air a slighe na bu chinntiche buileach gu feum i a shàbhaladh. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341513&mime_type=&launchZoom=41513 An Turas Siar 4 - Eadar Dà Sheanachas An Turas Siar, Earrann 4: Chaidh Gràinne, bana-phrionnsa àlainn, an nighean aig Àrd-Rìgh na h-Eireann, a chur fo ghealladh-pòsaidh do Fhionn MacCumhail a bha a-nis air fàs aosda. Ach thuit Gràinne ann an gaol ri Diarmad, fear de ghaisgich òga, eireachdail nam Fiann agus chuir i fo gheasaibh e gus an ruitheadh e air falbh còmhla rithe. Thàinig Fionn agus a chuid dhaoine an tòir air a' chàraid òig. Fhuair na leannanan air teicheadh le cobhair dhraoidheil bho Aonghas, Dia a' Ghràidh. Theich iad a dh' Alba, ach air an t-slighe choinnich iad ri Alda, a bha a' siubhal gu Eilean nan Daoine Beannaichte 's i a' lorg a bràthar. Dh' èist i ris an sgeulachd aca agus chuir i roimhpe nach cleachdadh ise draoidheachd gus a bràthar a lorg. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341514&mime_type=&launchZoom=41514 An Turas Siar 5 - Strì nan Sìthichean An Turas Siar, Earrann 5: Bha aig Alda ri Eilean nan Naomh a ruigsinn gus a bràthair, a chaidh a ghoid, a shàbhaladh. Ach tha cus iomraimh air a claoidh agus mar seo dh' iarr i air gobha cumhachdach a cuideachadh ag iomramh na b' fhaide dhan iar. Bha a' bhò a b' fheàrr ann an Eirinn air fad aig a' ghobha phròiseil seo. Chaidh a goid air agus bha famhaire grànda, Balor, ga bleoghann seasg. Thuirt an gobha gum feumadh Alda a dhol còmhla ris air an turas a lorg na bà. Bha ball-airm dìomhair aig Balor - sìthiche air an robh an t-ainm Cas Ghorm. Bha fàileadh uabhasach aig a chasan. Cha mhòr gu bheil duine ann - fiù 's an gobha fhèin - a sheasas ris nuair a bheir e dheth a bhòtann - gu h-àraidh nuair a bhios e na do chluais! Cha robh cùisean idir dòchasach gus an do nochd Sròn Sìth gus an saoradh agus gus duilgheadas a' ghobha fhuasgladh. Tha e a-nise saor gus an dèan e iomramh còmhla ri Alda a-mach dhan iar gu Eilean nan Naomh. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341515&mime_type=&launchZoom=41515 An Turas Siar 6 - Buaireadh nam Bana-bhuidseach An Turas Siar, Earrann 6 : Rinn Alda fàbhar dhan Ghobha roimhe seo 's a-nis, tha an Gobha neartmhor ga h-iomramh seachad air Innse Gall air a slighe gu Eilean nan Naomh far a bheil i an dùil gun lorg i a bràthair a tha air chall. Thig trì bana-bhuidsichean nan aghaidh. Tha Gorm-shùil Loch Abair ann agus 's i as làidire dhiubh. Tha smachd sònraichte aice air cait. Còmhla rithe tha a' bhana-bhuidseach Dhiùrach a tha comasach air a dhol an riochd na meanbh-chuileig agus a' bhana-bhuidseach Ìleach a bhios a' siubhal ann am bàta de phlaosg-uighe. An toiseach tha e coltach nach leig bana-bhuidsichean nan eilean seachad iad ach nuair a thèid ionnsaigh a thoirt orra gabhaidh iad uile taobh Alda, ag obair còmhla gus a sàbhaladh bho a nàmhaid Mari Morgana. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341516&mime_type=&launchZoom=41516 An Turas Siar 7 - Dè an dachaigh? An Turas Siar, Earrann 7: Na h-aonar anns a' Chuan Shiar, thrèig Alda a pròis agus ghabh i an dòigh a b' fhasa gu ruig Eilean nan Naomh gus an lorgadh i a leth-aon caillte Aldan. Nuair a bha an dithis còmhla a-rithist, sgrios iad an nàimhdean, shàbhail iad a' Bhàn-righ agus chaidh ainm Aldan a rèiteachadh mu dheireadh thall. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341517&mime_type=&launchZoom=41517 Leanabh Uruisg 'S e creutairean sona, os-nàdarrach nach fhairich fuachd a th' anns na h-Ùruisgean. Tha iad a' fuireach ann an easan air Gàidhealtachd na h-Alba. Bidh iad ag ithe iasg agus tha iad gu h-àraidh measail air bainne... sin is coireach gu bheil daoine cho tarraingeach dhaibh. Tha mì-rian anns an dachaigh air sgàth 's gu bheil an Leanabh Ùruisg air faighinn am broinn an taighe agus tha Peadragan, Padarlan agus Peallaidh, na trì Ùruisgean mòra, fiadhaich, a' tighinn air a thòir. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341518&mime_type=&launchZoom=41518 Deamhan 'S e creutairean sona, os-nàdarra nach fhairich fuachd a th' anns na h-Ùruisgean. Tha iad a' fuireach ann an easan air Gaidhealtachd na h-Alba. Bidh iad ag ithe iasg agus tha iad gu h-àraidh measail air bainne... sin is coireach gu bheil na nàbaidhean aca cho tarraingeach dhaibh. Aon oidhche, tha deamhan a' toirt ionnsaigh air a' bhalach. Tha an t-Ùruisg Padarlan ga dhìon le geug chaorann agus a' faighinn làmh an uachdair air an deamhan. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341519&mime_type=&launchZoom=41519 Ag Iasgach san Dorchadas 'S e creutairean sona, os-nàdarrach nach fhairich fuachd a tha anns na h-Ùruisgean. Tha iad a' fuireach ann an easan air Gaidhealtachd na h-Alba. Bidh iad ag ithe iasg agus tha iad gu h-àraidh measail air bainne... sin is coireach gu bheil na nàbaidhean aca cho tarraingeach dhaibh. Tha athair na cloinne a' dol a dh' iasgach agus tha an t-Ùruisg, Peallaidh, na chois. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341520&mime_type=&launchZoom=41520 Tuil 'S e creutairean sona, os-nàdarra nach fhairich fuachd a th' anns na h-Ùruisgean. Tha iad a' fuireach ann an easan air Gaidhealtachd na h-Alba. Bidh iad ag ithe iasg agus tha iad gu h-àraidh measail air bainne... sin is coireach gu bheil na nàbaidhean aca cho tarraingeach dhaibh. Tha an t-Ùruisg Peadragan a' cuideachadh an teaghlaich nuair a tha iad ann an cunnart bho thuil. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341521&mime_type=&launchZoom=41521 Ùruisgean - Bainne 'S e creutairean sona, os-nàdarra nach fhairich fuachd a th' anns na h-Ùruisgean. Tha iad a' fuireach ann an easan air Gaidhealtachd na h-Alba. Tha an t-Ùruisg Peadragan glè mheasail air bainne agus nì e rud SAM BITH gus a mhiann a shàsachadh. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341522&mime_type=&launchZoom=41522 Ogopogo agus Nessie Tha Neasaidh a' dol gu cèilidh miorbhuileach ann an Ceap Breatainn airson coinneachadh ris an uilebheist à Canada - OgoPogo. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341523&mime_type=&launchZoom=41523 A' Mheanbh-chuileag Mhòr Tha clann Ath-Tharracaill ann an Aird nam Murchan seachd searbh dhe na meanbh-chuileagan a bhios a' bìdeadh gach duine agus creutair san àite. Tha a' chlann gu h-aighearach ag innse mar tha an tidsear as crosta, am fiadh as motha, an iolaire as àirde agus an croiteir as ìsle air an sàrachadh leis a' mheanbh-chuileig nach leig fois leotha. Ach tha creutair eile ann a nì an gnothach air a' mheanbh-chuileig... http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341524&mime_type=&launchZoom=41524 Bas Fhìnn O chionn fhada bha gaisgeach làidir, treun ann air an robh Fionn a bha an ceann buidhinn de ghaisgich làidir air an robh na Fianna. Bhiodh iad a' siubhal air feadh Alba is Eirinn a' sealg, agus a' dèanamh euchdan mìorbhaileach. Bha sin furasta dhaibh a dhèanamh oir bha cumhachd agus peataichean os-nàdarra aig Fionn. Cha robh ach aon rud anns an t-saoghal a mharbhadh Fionn agus b' e sin a chlaidheamh fhèin - Mac-an-luin. Seo an stòiridh mun turas a rinn Fionn a chèilidh air bana-phrionnsa nan sìthichean a bha a' fuireach air eilean ann am meadhan loch. Dh' fhàs i fhèin agus Fionn uamhasach càirdeil, ach nuair thill an leannan aice, gheàrr e dheth ceann Fhìnn leis a' chlaidheamh mhìorbhaileach aig Fionn fhèin. Thàinig muinntir nam Fianna a thìodhlachadh Fhìnn agus gus dìoghaltas a dhèanamh airson a mhuirt. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341525&mime_type=&launchZoom=41525 Luchagan Taibhse Bha bruadar aig Luchag an Eagail mu luch-taibhse a bha air a ghlacadh ann an Caisteal Shruighlea. Chaidh ise is an dà chàraid aice dhan Chaisteal gus a shàbhaladh. Rannsaich iad air feadh a' chaisteil agus lorg iad mu dheireadh e, ach bha Taibhse Cait ga ruith, cat a bha cho uamhasach gun do chuir e eagal bàis orra uile. Mar sin, bha ceithir Luchagan Taibhse ann a-nis. Thòisich iad an uairsin air leasachadh an àite-còmhnaidh. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341526&mime_type=&launchZoom=41526 Suainidh an Geilt Bha Suainidh na Phrionnsa Eireannach a chaidh às a rian ann am batal. Chuir e brat-falaich itean an fhiosaiche Eireannaich air agus chaidh e a dh' fhuireach ann an craobhan air falbh bho dhaoine. Bha e ainmeil air sgàth nan trì leuman mòra a thug e thairis air a' Chuan Eireannach do dh' Alba far an do rinn e dachaigh ann an craobh air Creag Ealasaid. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341527&mime_type=&launchZoom=41527 Blar Chàirinis Tha an sgeulachd seo ag innse mar a leònadh Mac Iain 'ic Sheumais, gaisgeach nan Dòmhnallach às Uibhist a Deas, aig Blàr Chàirinis ann an 1601. Seo batal far an deach Leòdaich chumhachdach na Hearadh a ruagadh le Dòmhnallaich Uibhist, an dèidh argumaid ri Dòmhnall Gorm à Slèibhte mu dheidhinn a' phòsaidh nach do thachair eadar e-fhèin agus an nighean aon-shùileach aig MacLeòid à Dun Bheagan. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341528&mime_type=&launchZoom=41528 Bananathan a' Chait An toigh le cait a bhith ag ithe bhoiteagan? An toigh le eòin a bhith a' cagnadh feur? Tha cuid de chreutairean math air aon rud agus cuid math air rudan eile. Tha na rabaidean, na cait, na caoraich agus na h-eòin ag iarraidh ort an cuideachadh gus am faigh iad na rudan as fheàrr leotha. Cuidichidh an geama seo thu ag ionnsachadh 'mi, thu, e, i, iad, etc'. Faic dè cho luath 's a nì thu e: cluich an aghaidh a' ghleoc! http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341530&mime_type=&launchZoom=41530 Obair Mhath Bidh daoine an còmhnaidh a' foighneachd dè 'n obair no 'n dreuchd a th' aig duine eile. Anns a' gheama seo chithear Taigeis agus Uirisg le diofar èideadh orra agus tha agad ri innse dè 'n obair a th' aca. Am faca tu riamh taigeis a' cluich ball-coise? No uruisg a' sgiathalaich pleana? Uill, seo agad an cothrom! http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341531&mime_type=&launchZoom=41531 A' Faicinn 's a' Dèanamh Ciamar a dh' innseas tu ann an Gàidhlig an rud a tha duine a' dèanamh? Seo agad corra dhuine an sàs anns na gnothaichean làitheil aca, can, a' sreap fhàradh no ga nighe fhèin. Feuch co mheud turas a dh' innseas tu ceart dè tha gach duine a' dèanamh. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341532&mime_type=&launchZoom=41532 Cò Ris A Tha Thu Coltach? Tha ceann aig a h-uile duine 's mar sin nach ionnsaich sinn ciamar a dh' innseas sinn an coltas a th' air? Anns a' gheama seo tha agad ri neach sònraichte a lorg à buidheann dhaoine le bhith a' foighneachd cheistean mun choltas aca, m.e., a bheil sròn mhòr aca, sùilean uaine no falt gorm. 'S e geama furasda a th' ann ma chleachdas tu do cheann! http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341533&mime_type=&launchZoom=41533 Dèan Breacan! 'S dòcha nach e Mac an t-Saoir no MacLabhruinn a th' ort, ach faodaidh tu tighinn còmhla ri na Gàidheil agus am breacan agad fhèin a dhèanamh. 'Sa gheama spòrsail seo, faodaidh tu na dathan agus na srianagan a bu chaomh leat air a' bhreacan a thaghadh. Gabhaidh am breacan atharrachadh cho tric 's a tha thu ag iarraidh mur eil a' chiad fhear a' còrdadh riut. Clòbhuail am fear mu dheireadh a nì thu - agus thoir dha do cheann-cinnidh e air Là an Naoimh Anndra! http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341534&mime_type=&launchZoom=41534 Facail nan Còig Litrichean Anns a' gheama seo faodaidh tu faicinn a bheil tòrr fhaclan Gàidhlig agad. Chì thu dealbhan. Dèan tomhas air nas urrainn dhut de dh' fhaclan taobh a-staigh na h-ùine a th' agad. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341535&mime_type=&launchZoom=41535 Nas Motha Nas Fheàrr Ciamar a nì thu coimeas eadar rudan sa Ghàidhlig? Anns a' gheama seo tha loidhne de dhaoine nan seasamh gus an dèan thu coimeas eatorra. 'S dòcha gu bheil aon chreutair mòr, fear eile nas motha agus 's e fear eile am fear as motha buileach. Feuch gach iomadh seòrsa dòigh air coimeas a dhèanamh eatorra. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341536&mime_type=&launchZoom=41536 Leamsa no Leatsa? Tha cuid de na caractaran bhon Turus gu Siar nan suidhe timcheall air coire mòr draoidheil a tha làn de na rudan aca fhèin. Cuidich Alda, a' Bhana-ghaisgeach, Guidion am balach draoidheil, Gorm Shùil Mhòr agus Bana-Bhuidseach Eige na rudan aca fhaighinn air ais le bhith toirt orra bruidhinn ceart nuair a thig rudeigin leothasan a-mach às a' phoit. Cleachd an geama èibhinn seo airson ionnsachadh mar a chanas tu leithid 'leamsa' anns a' Ghàidhlig. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341537&mime_type=&launchZoom=41537 A' Mhàgag Dhubh aig Mac Ic Ailein 'S e brùid as na meadhan-linntean a bh' ann an Dòmhnall Dubh, an Ceann-Cinnidh a bu mhiosa a bh' aig Clann Raghnaill a-riamh. Bha e cho dona 's gun deach e às a chiall agus thòisich e a' creidsinn gu robh màgag mhòr dhubh ga leantainn. A h-uile turas a bha e a' dèanamh droch rud, bha a' mhàgag a' fàs na bu mhotha 's na bu mhotha agus chan fhaigheadh Dòmhnall air falbh bhuaipe idir. Tha cuid de dhaoine a' smaoineachadh gur e cogais Dhòmhnaill Duibh a bh' anns a' mhàgag agus gur e sin bu choireach gu robh i a' fàs mòr gach turas a dhèanadh e droch rud. Anns a' gheama seo faodaidh tu cuideachadh Ceann-Cinnidh Chlann Raghnaill an t-slighe cheart a leantainn le bhith a' taghadh ghnìomhan matha a nì e. Dìreach thoir na gnìomhan matha dhan mhàgag, tilg na droch ghnìomhan dhan teine agus faic dè thachras dhan Mhàgag mhòr! http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341538&mime_type=&launchZoom=41538 Draoidh-ille Shìos sa choille anns an Sgoil Dhubh, tha na sgoilearan ag ionnsachadh ciamar a thionndas iad an nàimhdean 'nan ainmhidhean. Seo an cothrom agad air na comasan draoidheil agad fheuchainn ort fhèin an toiseach, ach ma thèid cùisean gu math leat, leigidh an draoidh leat geasan a chur air duine sam bith a tha airidh air! http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341539&mime_type=&launchZoom=41539 Càite Bheil a' Mheanbh-chuileag Mhòr? Tha a' Mheanbh-chuileag Mhòr a' cur dragh air a' bhaile air fad. Tha i air a fiaclan a chur dhan a h-uile nì beò; daoine, crodh, cait agus coin, gam fàgail gan tachas fhèin ann am pian. Agus a-nis tha an tidsear a' dol às a ciall on a tha a' Mheanbh-chuileag Mhòr air tighinn a-steach dhan t-seòmar-teagaisg! Tha a' chuileag am falach an àiteigin anns an rùm agus feumaidh Dòmhnall a lorg. http://www.ambaile.org.uk/en/search/do_quick_search.html?q=%2341541&mime_type=&launchZoom=41541