Click here to login
Tagh cànan
Google plus pinterest Share on Stumble Upon Share on Reddit Facebook Share on Tumblr
TIOTAL
Aiseag an t-Sròim
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1165
ÀITE
Loch Carrann
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Carrann
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33088
Preview

Tha a' chairt seo a' sealltainn an t-seann aiseig ann an Sròm a Tuath, le sealladh gu Port an t-Sròim air taobh a deas Loch Carrann. Bha am bàt'-aiseig a' dol tarsainn a' chaolais eadar an dà àite seo. ’S e Hillman Minx Mark IV a th’ anns a’ char.

B'e muinntir an àite bu mhotha a bha cleachdadh an aiseig gu 1809, nuair a thog Coimisean Rathaidean is Drochaidean na Gaidhealtachd rathad air taobh a tuath Loch Carrann gu ceangal a dhèanamh ris an rathad bho Ach' na Sìne gu Inbhir Nis.
Thug e deich bliadhna gus crìoch a chur air an rathad. Tron ùine sin bhiodh luchd a' phuist a' glacadh aire fear an aiseig san t-Sròm, le bhith seirm dùdaich nuair a dh'fheumadh iad a dhol tarsainn.

Dh'fhàs am baile beag a bh' ann o thùs gu luath, nuair a thogadh Rèile Inbhir Pheofharain agus an t-Eilean Sgitheanach dhen Rèile Ghaidhealach ann an 1870, le Port an t-Sròim mar cheann-uidhe. Dh'fhàs am baile trang, le seirbheisean aiseig gu cunbhalach dhan Eilean Sgitheanach, Leòdhas agus bailtean beaga air tìr mòr a' coinneachadh nan trèanaichean. Bhathar a' cleachdadh nan seirbheisean leasaichte cuideachd gus am posta, iasg agus crodh a tharraing agus cho-dhùin companaidh an rèile gum biodh trèanaichean ann air Latha na Sàbaid. Chuir seo sàr dhragh air muinntir an àite, a bha an aghaidh a bhith 'g obair air Latha na Sàbaid, agus dh'adhbhraich an suidheachadh Aimhreit Phort an t-Sròim ann an 1883.

Ann an 1897, leudaicheadh an rèile bho Phort an t-Sròim gu Caol Loch Aillse. Ghluais mòran dhen chòmhdhail dhan Chaol agus chrìon inbhe Port an t-Sròim. A dh'aindeoin sin, bha an t-aiseag a bha a' dol tarsainn a' chaolais ann gu 1970, nuair a chuireadh crìoch air rathad ùr mu cheann Loch Carrann. Tha comharran chun a' bhaile a-nis ag ràdh, 'Stromeferry (no ferry)'.

Nuair a chaidh rathad a' Chaoil a dhùnadh ann am maoimean-slèibhe 2012, ge-ta, chaidh an t-aiseag a chur ann a-rithist greiseag airson luchd-siubhail, gu h-àraid clann na sgoile, gan sàbhaladh bho astar mòr rathaid a h-uile latha.