Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
 
>
Duilleag de 1
<

Fuadaichean

Na Fuadaichean

Fhad 's a sheas siostam nan cinnidhean, bha am fearann air a chumail gu coitcheann agus bhiodh an luchd-cinnidh ga àiteach gus biadh a chumail riutha fhèin 's rin teaghlaichean. Bha dìlseachd làidir don chinneadh gan cumail còmhla. Leis mar a chaidh buaidh a thoirt air na Seumasaich aig Cùil Lodair, ged-tà, thàinig crìoch na bu luaithe air siostam nan cinnidhean.

Fiùdalachd agus uachdaranachd
Fiù 's ron àm sin bha fiùdalachd a' gabhail smachd air a' Ghàidhealtachd. Chaidh na cinn-chinnidh nan uachdarain agus, nan uachdarain, dh'fhaodadh iad raointean mòra dhen fhearann aca a chur a-mach air màl gu fir-taca, na prìomh màladairean aca. Agus an uair sin chuireadh na fir-taca am fearann a-mach gu fo-mhàladairean. Chaidh an còrr dhen t-sluagh nan cotaran gun fhearann. Ri linn 's nach robh còir-gabhaltais aca bha an sluagh an urra ri tròcair an fheadhainn a bha na bu bheartaiche agus na bu chumhachdaiche.

'Teachd nan caorach'
Tràth san 19mh linn bha uachdarain a' feuchainn ri barrachd prothaid fhaighinn às an oighreachdan. Bha leasachadh a dhìth air dòighean tuathanachais agus bha tuathanachas chaorach air fhaicinn mar aon dòigh air adhart. Gus àite a dhèanamh do na caoraich chaidh na fo-mhàladairean fhuadachadh dhan oirthir, far an robh luchd-obrach a dhìth airson buain ceilpe (feamainn) agus iasgach. Rinn na h-uachdarain croitean dhaibh an sin ach chaidh fhàgail aig na daoine an cuid thaighean a thogail agus an talamh a bhriseadh airson àiteachadh.

Chaidh am fuadachadh bu mhi-chliùitiche a dhèanamh ann an Cataibh fo Dhiùc Chataibh agus a bhàillidh Pàdraig Sellar. Chaidh na daoine fhuadachadh le làmhachas-làidir agus chaidh na taighean aca a losgadh gu làr. Chaidh cuid dhen fheadhainn a chaidh fhuadachadh a ghluasad gu tuineachaidhean ùra aig Bun Ilidh, Spuinigeadal agus Am Blàran Odhar. Tha cùis-mhulaid an ama sin fhathast sgrìobte air lòsan Eaglais na Cròic.

'Àireamh-sluaigh ag èirigh' agus Gort a' Bhuntàta
Le àireamh-sluaigh ag èirigh, bha a' chùis na bu mhiosa. Bha barrachd cuideim a' tighinn air an fhearann. Ann an 1843 bhuail Gort a' Bhuntàta. Thuirt Sir Iain MacNèill, 's e a' siubhal tro pharaistean na Gàidhealtachd an Iar agus nan Eilean a dh'fhaicinn cho mòr 's a bha an àmhghar, “Even if the land produced as much food as possible, it would still only provide people with enough for half a year.” Cho-dhùin e, “It would be merciful to assist those who are starving and unemployed to emigrate.”

Bho shealladh eachdraidheil . . .
Tha Na Fuadaichean fhathast nan cùis a dhùisgeas faireachdainn làidir. An do thachair iad air sgàth uachdarain shanntach, neo-sgrubach, no mar thoradh do-sheachanta air a' chruth-atharrachadh a bha a' tighinn air tuathanachas air feadh Bhreatainn aig an àm, no air sgàth na h-aimsire, no air sgàth cus sluaigh? Ge b’ e dè an t-àite a bh' aig gach aon dhiubh sin, gun teagamh bha Na Fuadaichean nam pàirt dhuilich agus uaireannan brùideil ann an eachdraidh na Gàidhealtachd.

1 Toraidhean


Ìomhaighean: 200Fuadaichean

>
Duilleag de 1
<
Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture