Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
 
>
Duilleag de 1
<

Comainn & Buidhnean

Buidhnean, comainn

Tha e nàdarra gum bi daoine aig a bheil ùidh anns na h-aon rudan a' tighinn còmhla gus beachdan a cho-roinn agus cuideachadh a thoirt dha chèile. Tha seo a cheart cho fìor air Ghàidhealtachd 's a tha e ann an àitean eile.

Buidhnean taic
Tha daoine aig a bheil ùidh ann a bhith a' cuideachadh dhaoine eile – gu tric daoine nach eil làn-chomasach, air neo coimhearsnachdan san fharsaingeachd – air caochladh bhuidhnean taic coimhearsnachd agus buidhnean carthannais ionadail a chur air bhonn air feadh na Gàidhealtachd. Tha feadhainn dhiubh sin gu tur ionadail, me Iomairt Mharc Innis (Merkinch Enterprise); 's e meuran ionadail de bhuidhnean nàiseanta a tha ann an cuid eile, me Marcachd airson Chiorramaich agus A' Chrois Dhearg. Am measg nam buidhnean carthannais ionadail tha Amar nam Buthaidean (the Puffin Pool) agus Hospice na Gàidhealtachd, a tha le chèile ag amas air cur ri cùram meidigeach. Thòisich a' bhuidheann carthannais Blythswood mar bhuidheann shoisgeulach Chrìosdail ach on uair sin tha i air leudachadh gu bhith na buidhinn cobhair eadar-nàiseanta le mòr-chliù.

Comainn Dualchais
Gu tric chaidh buidhnean agus comainn a chur air bhonn air sgàth ùidh ann an eachdraidh agus dualchas sgìre. Chaidh Comann Gàidhlig Inbhir Nis a stèidheachadh ann an 1871, agus Field Club Inbhir Nis ann an 1875. Tha a comann dualchais ionadail fhèin aig cha mhòr gach sgìre. Bidh buidhnean mar seo a' cur gu mòr ri sgoilearachd ionadail agus bidh na buill tric an sàs cuideachd ann am buidhnean saidheans agus glèidhteachais ionadail, mar Chomann Creag-eòlais na Gàidhealtachd a bhios a' feuchainn ri sgrùdadh agus gleidheadh a dhèanamh air creag na Gàidhealtachd.

Buidhnean spòrsa
Bidh spòrs a' toirt dhaoine còmhla nan luchd-com-pàirt agus nan luchd-amhairc. Tha eagrachadh mòr a dhìth airson gheamannan sgiobaidh mar bhall-coise, ach ann an cur-seachadan nach eil cho foirmeil, mar shreap, tha rianachd cuideachd air cùl gnothaich a' cur air dòigh còmhdhail agus àite-fuirich. 'S e an club ball-coise as sine ann an Lìog na Gàidhealtachd, Rangers Bhrùra, a chaidh a stèidheachadh ann an 1878. Tha Comann Sreap Inbhir Nis air a bhith ann o 1950. Air 10 Dàmhair 1893 chaidh Comann na Camanachd a chur air bhonn gus iomain a stiùireadh agus na riaghailtean a shuidheachadh; abair buidheann spòrs fìor Ghàidhealach.

Buidhnean do dh'fhir, do mhnathan 's do dh'òigridh
Tha Loidsean Shaor-chlachairean sa mhòr-chuid de bhailtean na Gàidhealtachd. Tha togalaichean aig a' Bhritish Legion cuideachd ann an iomadh baile. Bidh an Rotary agus an Round Table a' coinneachadh gu cunbhalach airson luchd-gnìomhachais agus luchd-dreuchd.

Tha an comainn fhèin aig boireannaich cuideachd. Tha an SWRI (Comann Dùthchail nam Ban an Alba) làidir air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Bidh coinneamhan airson bhoireannaich leithid Guild nam Ban aig a' mhòr-chuid de dh'eaglaisean.

Bidh na Cubs, na Scouts, na Guides, agus am Boys Brigade uile a' tairgsinn chur-seachadan inntinneach do dh'òigridh, mar a bhios iomadh club òigridh ionadail.


9 Toraidhean

CruinneachaidheanBrobhs Cuspairean > Comainn & Buidhnean


Ìomhaighean: 29Bragàd nam Balach
Ìomhaighean: 33Lèigion Bhreatainn
Ìomhaighean: 17Saor-chlachairean
Ìomhaighean: 9Club Achaidh Inbhir Nis
Ìomhaighean: 34Sgobhts agus Guides
Ìomhaighean: 2YMCA

>
Duilleag de 1
<
Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture