Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
 
>
Duilleag de 1
<

Ceàird

Ceàirdean

“Every man is Jack-of-all-trades ... the want of regular tradesmen and mechanics is but little felt"
F.M. Eden, State of the Poor 1797, Vol. 1

Jack-of-all-trades!
‘A Jack-of-all-trades and master of none’? Chan ann mar sin a tha cùisean air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Tha sin ri fhaicinn anns na seann taighean croite. Sèididh na stoirmean ach ’s gann sglèat a dh’fhalbhas leis a’ ghaoith. Tha an lìnigeadh fiodha a bh’ annta o thùs fhathast ri fhaicinn am broinn mòran dhiubh. Bha uisge agus dealan air an cur a-steach ro dheireadh an 20mh linn. Air am peantadh ’s air an sgeadachadh a-muigh ’s a-staigh, tha na taighean nan seasamh cuimir sgiobalta air na croitean. Ach bhiodh a’ mhòr-chuid den obair air a dèanamh le na croitearan fhèin.

‘Nì airc innleachd’
Tha seanfhacal eile – ‘Nì airc innleachd’ – air a dhearbhadh san dòigh san urrainn don chroitear làmh a chur ri gnìomh sam bith agus a choileanadh gu math. Ann an sgìrean iomallach is beag a th’ ann de luchd-ceàird airson do chuideachadh ’s tu ann an èiginn, ma tha gin idir ann. Ma tha obair ri dhèanamh, feumaidh an croitear fhèin a dhèanamh, ge brith dè th’ ann, saorsainneachd, plumaireachd, dealanachd no peantadh. Agus an rud a tha fìor mu na fireannaich, tha e a cheart cho fìor mu na boireannaich

Ceàirdean-dachaigh traidiseanta
Rinn na boireannaich soithichean à crèadh. Far an robh preasarnach pailt, bha fighe bhasgaidean cumanta. Bhiodh innealan còcaireachd agus bainne ann a rèir feuman agus stuthan na sgìre. Bha snìomh, dathadh, breabadaireachd agus fighe nan gnìomhachasan dachaigh anns an robh fireannaich agus boireannaich le chèile an sàs.

Na sgilean sònraichte
Bha corra cheàird ann a dh’fheumadh fear-ceàirde. Bha an gobha air fear dhiubh, ’s bha fèill mhòr air na sgilean a bh’ aige le iarann. Anns na Meadhan-aoisean còmhragach dhèanadh e lèintean-chruadhach agus buill-airm. Ron 18mh linn bha obair na ceàrdaich air leudachadh gu bhith a’ cruidheadh each, agus a’ dèanamh innealan meatailt agus acainn eile airson gnìomhachasan an tuathanachais agus an iasgaich.

Nochd luchd-ceàird eile mar bhreabadairean, greusaichean, tàillearan, cùbairean, saoir bhàtaichean, diolladairean agus cuibhlearan. Bhiodh mòran a’ saoirsainneach àirneis fiodha do dh’fhir-taca anns na nòsan àirneis mòrail (Queen Anne, Georgian, Regency). Bhiodh na ceàrdan-siubhail a’ cruthachadh am pàtranan toinnte airgid fhèin anns na broidsichean agus faoin-sheudan eile a bhiodh iad a’ dèanamh. Bha feum air an tughadair sgileil cuideachd airson mullach math a chur air taigh.

9 Toraidhean


Ìomhaighean: 15Fighe Bhasgaidean
Ìomhaighean: 113Gràbhaladh
Ìomhaighean: 79Àirneis
Ìomhaighean: 83Seudraidh
Ìomhaighean: 14A' Dèanamh Ròpa
Ìomhaighean: 86Snìomh
Ìomhaighean: 275Tughadh
Ìomhaighean: 158Breabadaireachd

>
Duilleag de 1
<
Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture