Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
 
>
Duilleag de 1
<

Croitearachd

Croitearachd

Ro 1745, bhiodh na cinn-chinnidh gam meas fhèin air an àireamh de dh’fhir-cogaidh a b’ urrainn dhaibh togail. Ach dh’atharraich Cùil Lodair sin. Dh’fheumadh iad a-nis prothaid a dhèanamh às an fhearann aca.

Fàs croitearachd
Chaidh tuathanasach chaorach a thoirt a-staigh, agus chaidh mòran dhaoine fhuadach bho na dachaighean aca airson àite a dhèanamh dha. Ged a rinn feadhainn eilthireachd, chaidh a’ mhòr-chuid fhuadach dhan oirthir far an tug na h-uachdarain dhaibh lotan beaga fearainn no croitean air màl bliadhna. Gu tric bha am fearann truagh agus na croitean beag. Mar sin, dh’fheumadh an croitear obair eile a ghabhail os làimh a dhèanadh airgead airson an uachdarain, m.e. ann an gnìomhachas na ceilp no an iasgaich.

A’ chroit
’S e bh’ anns a’ chroit ach pìos beag fearainn air màl air an deach an taigh a thogail - taigh dubh traidiseanta. Bhiodh mart no dhà, cearcan, agus ’s dòcha beagan chaorach aig a’ chroitear. Chuireadh e coirce agus buntàta air talamh a bh’ air a mhathachadh le feamainn, innear, agus seann tughadh bhon mhullach. Bhiodh e a’ buain mòine ’s ga thiormachadh airson connadh. Bha cothrom aige cuideachd air an fheurach choitcheann airson a chuid chruidh agus chaorach.

An t-srì airson còir-gabhaltais
Ach cha robh còir-gabhaltais aig a’ chroitear. Cha robh sealbh aige air an fhearann a bha e ag obrachadh. Dh’fhaodadh am màl a dhol suas aig àm sam bith agus chan fhaigheadh e dad airson leasachadh a dhèanadh e air an fhearann. Nas miosa buileach, dh’fhaodadh an t-uachdaran an croitear fhuadach às nuair a thogradh e fhèin. Leis gun deach gnìomhachas na ceilpe sìos c1820, gun robh goirt buntàta ann san 1840an agus gun deach raointean mòra fearainn a chur nam frìthean, dh’fhàs cùisean na bu mhiosa. An uair sin chaidh sluagh mòr fhuadach às an àite agus rinn mòran eilthireachd. Thòisich croitearan air gearan a dhèanamh agus tagradh a dhèanamh airson chòraichean laghail air an fhearann.

Achd nan Croitearan 1886
Ann an 1883 chuir an Riaghaltas air bhonn Coimisean Rannsachaidh Rìoghail air Staid Croitearachd, ’s e sin Aithisg Napier. An dèidh Aithisg Napier chaidh Coimisean nan Croitearan a chur air bhonn a dhèanamh cinnteach gum faigheadh croitearan còir-gabhaltais, màl cothromach, agus dìoladh mu choinneamh call fearainn.

Baile croitearachd an latha an-diugh
’S gann gu bheil sgeul air taighean dubha traidiseanta. Nan àite tha taighean dà-làir air an togail gu làidir no taighean nodha aon-làir. Tha buntàta, coirce agus feur air an cur fhathast ach tha innealradh beag airson thuathanasan a-nis air a chleachdadh nas bitheanta. Tha e an urra ri Comataidh Ionaltraidh ionadail coimhead an dèidh an fheuraich choitchinn agus dèanamh cinnteach gu bheil na croitearan uile a’ cumail ri na riaghailtean.

1 Toraidhean


Ìomhaighean: 669Croitearachd

>
Duilleag de 1
<
Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture