Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
 
>
Duilleag de 1
<

Eilthireachd

Eilthireachd

Tha eilthireachd nan Gàidheal a' cruthachadh ìomhaighean de theaghlaichean air an caitheamh gu brùideil a-mach às an dachaighean agus air am fuadach a-null thairis. Chan eil an fhìrinn cho sìmplidh sin, ged-tà. Dh'fhalbh tòrr len toil fhèin, agus fhuair tòrr eile buannachd às a' chùis. Cha deach na h-eilthirich gu lèir a-null thairis. Chaidh mòran gu àitichean eile ann an Alba, a' gluasad bhon tuath gu bailtean, agus gu àitean eile anns a' Ghàidhealtachd fhèin.

An t-ochdamh linn deug
B' ann ri linn crìonadh ann an siostam a' chinnidh agus cothroman toiseach tòiseachaidh ùr a dhèanamh anns na coloinidhean a rinn a' chiad bhuidheann de Ghàidheil eilthireachd. B' iad na fir-taic bhon t-seann shiostam a bha os an cionn. Chaidh cuid a shireadh fortan air ionadan cuir sna h-Ìnnseachan an Iar no anns na coloinidhean Ameireaganach. Thug cuid an luchd-gabhail còmhla riutha, 's iad a' feuchainn ris an t-seann òrdugh a chur air bhonn a-rithist ann an suidheachadh ùr. Rinn mòran Ghàidheal tuineachadh agus tìreachadh ann an Canada Àrd agus anns na Sgìrean Fairgeach. Thàlaidh sgeamaichean a' Mhorair Shailcirc mòran eilthireach. Ann an 1815 bha 30,000 Gàidheal air tuineachadh ann an Ameireaga a Tuath.

An naoidheamh linn deug
Fhad 's a bha gnìomhachas na ceilp (feamainn) a' soirbheachadh bha feum air sluagh mòr airson a cruinneachadh agus a giollachd agus bha bacadh air eilthireachd. Nuair a thuit an gnìomhachas às a chèile ged-tà dh'fhàg sin sluagh mòr gun chosnadh agus bha daoine air am brosnachadh a-rithist, agus uaireannan air an co-èigneachadh, gus eilthireachd a dhèanamh.

Le Gort a' Bhuntàta agus a' bhochdainn a bha na cois bha iarraidh na bu mhotha ann eilthireachd a dhèanamh. Eadar 1841 agus 1861 chaill a' Ghàidhealtachd an Iar agus na h-Eileanan trian dhen t-sluagh aca. Ri linn leudachadh mòr ann an togail bhàtaichean agus innleadaireachd throm chaidh mòran a dh'fhuireach agus a dh'obaiir ann an Glaschu agus an sgìre timcheall air. Rinn mòran a bharrachd eilthireachd a dh'Aimeireaga a Tuath. Fhuair mòran cuideachadh gus eilthireachd a dhèanamh a dh'Astràilia cuideachd.

Am ficheadamh linn
Lean eilthireachd bhon Ghàidhealtachd an Iar agus Ìnnse Gall a Ghlaschu agus sgìre Chluaidh suas gu tràth san 20mh linn. B' e eilthireachd 1923 air a' Mharloch 's air a' Mhetagama na sgeamaichean eilthireachd mu dheireadh a bh' ann.

Ged a lean eilthireachd às dèidh an dàrna cogaidh, gu sònraichte gu Astràilia agus Afraga a Deas, b' e am prìomh chuspair air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan an sluagh a bhith a' gluasad taobh a-staigh na sgìre. 'S e an gluasad seo bho sgìrean iomallach na Gàidhealtachd gu na bailtean fhathast an trioblaid as motha a tha a' bualadh air a' Ghàidhealtachd.

1 Toraidhean


Ìomhaighean: 272Eilthireachd

>
Duilleag de 1
<
Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture