Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
 
>
Duilleag de 1
<

Oighreachdan

Oighreachdan

Anns na Meadhan-linntean bha còraichean fearainn stèidhte barrachd air cleachdadh agus traidisean seach air còraichean fiùdalach. San t-17mh linn ge-tà, bha fiùdalachd air grèim fhaighinn air coimhearsnachd na Gàidhealtachd. An dèidh Blàr Chùil Lodair ann an 1746, thuit siostam nan cinnidhean às a chèile agus chaidh na bannan a bha a’ ceangal ceann-cinnidh agus fhear-cinnidh ri chèile a bhriseadh mu dheireadh thall. Bha fearann a’ chinnidh a-nis leis a’ cheann-chinnidh a-mhàin ’s dh’fhaodadh esan a reic no a chur a-mach air màl mar a thogradh e.

Oighreachd spòrs Ghàidhealach
Le teachd an rèile anns an 19mh linn agus leis mar a thog a’ Bhànrigh Bhictòria ùidh a’ phobaill ann an sealg is iasgach slait, chaidh frìthean mòra (suas gu 30,000 heactair) a stèidheachadh agus chaidh loidseachan seilg a thogail. Bha an oighreachd spòrs Ghàidhealach air nochdadh.

Bhiodh an ‘Glorious Twelfth’ a’ comharrachadh toiseach seusan an t-seilg-gunna agus bhiodh ‘an loidse’ a’ toirt aoigheachd do luchd-gnìomhachais beartach agus do dh’uachdarain. Thàinig ‘an gleann’ gu bhith an crochadh air an oighreachd airson chothroman cosnaidh mar gheamairean, gillean, gàirnealairean, fir faobharach agus luchd-obrach taighe. Bhiodh deireadh seusan na seilg air a chomharrachadh le ‘Bàl nan Gillean’, agus an dèidh sin thilleadh an luchd-seilg gu deas.

Crìonadh san oighreachd spòrs
Bho anmoch san 19mh linn tha cruthachadh chroitean, prògraman forsaireachd nàiseanta, leasachadh air cumhachd dealain-uisge agus turasachd air buaidh a thoirt air oighreachdan. An-diugh, ’s e th’ anns an oighreachd Ghàidhealaich ach sealbh air raon mòr fearainn a tha air a ruith mar as trice le seumarlan. Tha talamh àitich agus ionaltradh monaidh a’ toirt taic do choimhearsnachd tuathanachais. Tha stiùireadh forsaireachd agus coilltearachd a’ toirt teachd-a-steach don oighreachd mar a tha còraichean seilg. Tha sealg fhèidh agus chearcan-fraoich agus iasgach bhradain fhathast a’ tàladh luchd-tadhail beartach buadhach, ach tha cus nas lugha de luchd-obrach air am fastadh aig an oighreachd a-nis.


Ceannach le coimhearsnachdan
Tha atharrachaidhean anns an lagh anns na 1990an air cothrom a thoirt do choimhearsnachdan sealbh fhaighinn air fearann. B’ e Asaint a Tuath a’ chiad choimhearsnachd a fhuair sealbh air an fhearann, agus an uair sin Eilean Eige am measg eile. Ged a tha sin mar a tha e, tha 50% den Ghàidhealtachd fhathast aig nas lugha na 100 sealbhadair.

1 Toraidhean


Ìomhaighean: 411Rianachd Oighreachd

>
Duilleag de 1
<
Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture