Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
 
>
Duilleag de 1
<

Tachartasan

Tachartasan

Tha cruinneachaidhean Gàidhealach a' dol air ais còrr is 2000 bliadhna agus b' e an t-adhbhar air an son o thùs na curaidhean as comasaiche anns gach cinneadh a thaghadh. Chaidh na ciad gheamannan a chumail mar thachartas spòrsa aig Bràigh Mhàrr anns an 11mh linn. Ach b' e an taic a thug a' Bhanrigh Bhictòria dhaibh a dh'fhàg an sluagh cho fìor mheasail orra. Tha pìobaireachd, dannsa Gàidhealach agus cleasachdan-achaidh mar thilgeil a' chabair uile nam pàirt de Gheamachan Gàidhealach an là an-diugh.

Cruinneachadh Chòmhaill On 11mh dhen Lùnastal 1894, tha Cruinneachadh Chòmhaill air fàs gu bhith air na geamannan bliadhnail as motha ann an Alba. Th iad air an cumail faisg air Dùn Omhain. Chan eil ann a bhith a' faicinn 's a' cluinntinn nan dannsairean, nan lùth-chleasaichean agus nam buidhnean pìobaireachd a' strì air an achadh ach dàrna leth na cùise; 's e a bhith mar phàirt dheth an leth eile.

Rèis Beinn Nibheis
Ach tha iomadh tachartas eile cudromach anns a' mhìosachan Ghàidhealach. Bho bhuannaich Uilleam Swan a' chiad rèis suas (agus sìos) a' Bheinn san deach an ùine a chlàradh anns an t-Sultain 1895, tha lùth-chleasaichean air a bhith a' strì ri togail air an ùine shoirbheachail aigesan – 2 uair agus 41 mionaid. Tha Rèis Beinn Nibheis a-nis air aon de na tachartasan as dorra a th' ann do lùth-chleasaichean ann am Breatainn agus bidh i a' tàladh eadar tri cheud agus còig cheud lùth-chleasaiche air a' chiad Disathairne gach Sultain.

Cuairt Dheireannach Cupa na Camanachd
Mar as trice canar iomain ri camanachd agus 's e Cupa na Camanachd prìomh dhuais a' ghèam. Bidh a' chuairt dheireannach air a cumail air a' chiad Disathairne san Ògmhìos, agus 's ann an sin a chìthear an sluagh as motha aig gèam iomain. Tha lùthmhorachd agus sgil nan cluicheadairean air a' phàirc nan sealladh mìorbhaileach. Gu dearbh chan e gèam a th' ann airson duine meata!

Cruinneachadh a' Chinn a Tuath
Air a chumail tràth san t-Sultain gach bliadhna ann an Inbhir Nis, tha Cruinneachadh a' Chinn a Tuath air a mheas mar an fharpais phìobaireachd aon-neach as cliùitiche air an t-saoghal. 'S e euchd air leth a th' ann Bràiste Pìobaireachd nan Inbheach fhaighinn aig Cruinneachadh a' Chinn a Tuath. Bidh pìobairean a tha air am Bràiste a bhuannachadh iomadh uair a' tilleadh gach bliadhna agus mar sin tha cinnt gum bi co-fharpais mhath ann.

Am Mòd Nàiseanta Rìoghail
A' fosgladh air oidhche Haoine, bidh An Comunn Gàidhealach a' cur fàilte air a h-uile duine chun a' Mhòid le òraidean is òrain. An dèidh seo bidh cèilidh. Bidh na farpaisean pìobaireachd agus iomain a' dol Disathairne. An ath Dhiluain, bidh a' chlann a' tòiseachadh nam farpaisean a-rithist, mus tig na h-inbhich nas fhaide air adhart anns an t-seachdain. Bidh othail mhòr timcheall air farpaisean nam Bonn Òr (seinn aon-neach do dh'fhir 's do mhnathan) agus farpais Sgiath Mhic Shimidh agus Tulach Bàrdainn(airson na còisir Gàidhlig as fheàrr) Thig cùisean gu ceann le buidheachas agus òraid crìochnachaidh, agus bidh comataidh na bliadhna sin a' cur ghnothaichean ann an làmhan comataidh an ath Mhòid.

4 Toraidhean


Ìomhaighean: 59Galathan
Ìomhaighean: 57Geamannan Gàidhealach

>
Duilleag de 1
<
Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture