Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
 
>
Duilleag de 1
<

Gnìomhachas & Obair-dèanaimh

Gnìomhachas

’S dòcha gur e an tarraing as motha a tha aig a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan am faireachdainn gu bheil iad air falbh bhon a h-uile rud eile: an àite smùid, salachar agus gleadhraich gnìomhachais ann an àitean eile tha sìth agus sàmhchair nam beann ’s nan gleann. Ach tha gnìomhachas ri fhaighinn: chan e ‘muilnean ifrinneil’ an 18mh linn, ach gnìomhachasan dùthchail, tuathanachas, iasgach agus coilltearachd

Gnìomhachas anns na làithean tràtha
Chaidh Tionndadh a’ Ghnìomhachais seachad air a’ Ghàidhealtachd. An toiseach bha a’ mhòr-chuid den obair gnìomhachais ceangailte ri cladhach nan tasgaidhean mhèinnireach. Chaidh clach-iarainn, luaidhe, gual, sglèat, clach-ghràin, diatomite agus fiù ’s òr a chladhach. Ach cha robh a’ mhòr-chuid de mhèinnean agus de chuaraidhean a’ maireachdainn ro fhada. ’S e cuaraidhean sglèata Bhaile Chaolais agus Eisdeil agus mèinneadh guail ann am Brùra an aon fheadhainn a lean gu math a-staigh dhan 20mh linn.

Chaidh grùdaireachd uisge beatha bho neart gu neart ged-tà. Tha an àireamh mhòr de thaighean-staile air feadh na Gàidhealtachd an-diugh na fhianais air cho measail ’s a tha daoine air uisge beatha na h-Alba.

Bha agus tha dèanamh bathar clòimhe bitheanta, an dà chuid ann an dachannan agus ann am muilnean a’ cleachdadh cumhachd uisge. B’ e clòimh na sgìre a bh’ air a cleachdadh. Leis nach b’ urrainn dhaibh farpais an aghaidh chompanaidhean na bu mhotha aig deas, thagh muinntir na clòimhe clò agus aodach sàr mhath a dhèanamh.

Ro dheireadh an 19mh linn bha leudachadh an rèile a’ tairgsinn chothroman ùra do luchd-gnìomhachais. Cha deach aca air gnìomhachas a thàladh a-steach ge-tà; an àite sin bha an rèile a’ toirt a-mach toradh na sgìre, m.e. iasg, fiodh

Teachd gnìomhachais san 20mh linn
Thàinig gnìomhachas trom dhan Ghàidhealtachd an toiseach nuair a chaidh ionadan alùmanuim a thogail aig Ceann Loch Lìobhann, An Gearasdan agus Foithir. Thàinig luchd-togail bho na h-Eileanan agus bhon cheann a deas. Dh’fhuirich mòran aca gus obair a ghabhail anns na h-àitichean sin.

An dèidh an Dàrna Cogaidh thòisich sgeama mòr airson cumhachd uisge a leasachadh. Nochd dàmaichean, tunailean, uisgrianan, stèiseanan cumhachd agus loidhnichean dealain air feadh na Gàidhealtachd. Cuideachd, chaidh reactar niùclasach dian-ghinntinneach a thogail aig Dùnrath.

Ri linn soirbheachadh ola a’ Chuain a Tuath anns na 1970an chaidh gàrraidhean ola fhosgladh aig Ciseorn, Rubha Àirinis, Neig agus Àird nan Saor. Bha mìltean a’ faighinn cosnadh aig an àm, ach chaidh sin seachad agus tha na gàrraidhean uile dùinte a-nis.

Suidheachadh gnìomhachasach an là an-diugh
Anns na bliadhnachan mu dheireadh tha gnìomhachas air a bhith stèidhte air Linne Mhoireibh a-staigh. Tha grunnan ghnìomhachasan ‘aotrom’, ‘glan’ air a bhith air tòiseachadh. Tha turasachd air leudachadh cuideachd. Tha seo a’ toirt chothroman obrach eadar-dhealaichte do dhaoine, agus, cuide ri cuideam a bharrachd a bhith air càileachd beatha, bu chòir gun dèanadh seo cinnteach gun tigeadh tuilleadh phròiseactan gnìomhachais gu tuath.


5 Toraidhean

CruinneachaidheanBrobhs Cuspairean > Gnìomhachas & Obair-dèanaimh


Ìomhaighean: 20Almain
Ìomhaighean: 22Ceilp
Ìomhaighean: 12Ola
Ìomhaighean: 50Obair-aodaich
Ìomhaighean: 27Uisge-beatha

>
Duilleag de 1
<
Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture