Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
 
>
Duilleag de 1
<

Lagh & Rian

Lagh, rian agus sàbhailteachd a' phobaill

Bho thràth anns na meadhan linntean rinn an Crùn agus an Eaglais laghannan airson rian a chur air a' chomann-shòisealta. Cha robh dòigh air an cur an gnìomh air feadh na Gàidhealtachd ged-tà. Cho-dhùin coimhearsnachdan dè bha ceart no ceàrr, agus thug iad seachad peanas nuair a bha sin iomchaidh.

A' cur lagh fiùdalach an gnìomh
Anns an 12na linn chruthaich Righ Daibhidh 1 siorrachdan gus sìth an rìgh a ghleidheadh tro chùirtean agus oifigearan. B' iad na cùirtean siorraidh a bu shoirbheachaile, agus gus an latha an-diugh 's iad am prìomh mheadhan air ceartas a thoirt seachad anns na coimhearsnachdan.

Fhuair iarlachdan sònraichte còir oighreachail air lagh eucorach a chur an gnìomh (cha deach a thoirt bhuapa gu 1747). Air sgàth ceartais bha cead aca daoine a lorg, a chur an grèim, a cheasnachadh, a chur dhan phrìosan agus a dhìteadh dhan chroich fiù 's. Suas gu 1745 bha a chrochadair fhèin aig Mac Shimidh; bha e a' còmhnaidh ann an cùl fad às air an oighreachd oir, gu h-iongantach, cha robh duine airson fuireach ri thaobh! Tha an taigh, Tighancrochadair, an sin gus an là an-diugh, 4 mìle an iar air a' Mhanachainn.

A' cur lagh na h-eaglaise an gnìomh
Ron Ath-leasachadh b' e sagart paraiste le Gàidhlig an t-eòlaiche air laghannan cliù-mhillidh, buidseachd agus dà-chèileachas. Chuir e lagh na h-eaglaise an sàs agus dh'fhaodadh e tagradh a dhèanamh, ma bha feum air, gu cùirt nan easbaigean.

Às dèidh an Ath-leasachaidh chaidh an siostam Clèireach a stèidheachadh airson smachd a chumail anns an eaglais. Bha cumhachd aig èildearan eaglaise muinntir na paraiste a thoirt air beulaibh an t-Seisein agus peanas a chur orra, mar eisimpleir 'sitting on the stool of repentance in sackcloth and ashes’. Bhiodh tagradh an aghaidh peanas a' dol suas tron chlèir, tron t-seanadh agus mu dheireadh chun an Àrd-sheanaidh.

An siostam ceartais nuadh
Chaidh Cùirtean Mhaor Ceartais a stèidheachadh ann an 1609 gus mì-rian ionadail a rannsachadh, leithid ùpraidean no poidseadh. An dèidh seo chaidh iad nam pàirt de shiostam nan cùirtean siorraidh a bhiodh a' coimhead ri eucoirean beaga, mar eisimpleir aig Inbhir Pheofharain, Baile Dhubhthaich, Dòrnach agus Steòrnabhagh. Rinn uachdaranan seiribheis nan luchd-ceartais gun tuarastal le maoir-sìthe nan Luchd Cumail na Sìthe.

Cuideachd anns an t-16mh linn chaidh Cùirt an t-Seisein a thoirt a-staigh airson chùisean catharra agus Àrd-chùirt a' Cheartais airson eucoirean, 's iad le chèile air am maoineachadh leis a' Chrùn. Bidh Cùirt an t-Seisein a' suidhe ann an Taigh na Pàrlamaid (Dùn Èideann) agus 's i Cùirt an Ath-thagraidh. Bidh an Àrd-chùirt a' suidhe ann am bailtean fa leth a rèir 's mar a tha feum oirre, mar eisimpleir ann an Inbhir Aora, Peairt agus Inbhir Nis. 'S i bhios a' làimhseachadh nan eucoirean as miosa, mar mhurt agus èigneachadh.

Chaidh siostam nan èisteachdan cloinne a chur air bhonn fo Achd Obrach Shoisealta (Alba) 1968, a chaidh ùrachadh on uair sin le Achd Chloinne (Alba) 1995. Bidh e a' dèiligeadh ri eucoirich òga tro Phanalan Chloinne.

Chaidh feachdan poilis shiorrachdan a stèidheachadh agus a mhaoineachadh le coimiseanairean solair bho 1857 agus le comhairlean nan siorrachdan an dèidh 1890.

3 Toraidhean


Ìomhaighean: 23Peanas
Ìomhaighean: 239Siostam Ceartais
Ìomhaighean: 13Poilis

>
Duilleag de 1
<
Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture