Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
 
>
Duilleag de 1
<

Litreachas

Litreachas

Tha sgrìobhadh Gàidhlig a' dol air ais gu Tighearnas nan Eilean (c.1200-1493) agus, fiù 's ro sin, gu obair nam manach ann an Eilean Idhe. Cha tàinig làn leasachadh air rosg Gàidhlig gus an robh am facal sgrìobhte na b' fhasa fhaotainn nuair a chaidh Bìoball Gàidhlig fhoillseachadh. Chan eil litreachas bhon Ghàidhealtachd ann am Beurla faisg cho sean. Gu dearbh, tha litreachas na Gàidhealtachd air fàs san 20mh linn le gnè fìor àrd de rosg agus bàrdachd sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.

Bàrdachd Ghàidhlig thràth
Thàinig cuibhreann cuimseach mòr de bhàrdachd Ghàidhlig a-mach à beul-aithris nam bàrd. 'S iad na h-oibrichean as tràithe cruinneachaidhean de shaothair nam bàrd, nam measg 'Leabhar Deathan Lios Mòir' agus 'Làmh-sgrìobhainn Feàrnaig'. Chaidh a' chiad fhear dhiubh sin a chur ri chèile eadar 1512 agus 1526, gu h-àraidh le Sir Seumas MacGriogair, Deathan Lios Mòir, agus a bhràthair Donnchadh; chaidh an dàrna fear a chur ri chèile leis a' cheann-feadhna Donnchadh MacRath Loch Aillse, c.1690.

Tha Iain Lom, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus Màiri Nic a' Phearsain am measg nam bàrd as cliùitiche den 17mh 's den 18mh linn. Am measg nam bàrd Gàidhlig o chionn ghoirid tha Somhairle MacGillEain, Aonghas MacNeacail agus Maoileas Caimbeul.

Rosg Gàidhlig
Thàinig rosg Gàidhlig air adhart gu mall. Dheasaich an t-Urr. Tormod MacLeòid na ciad irisean Gàidhlig airson rosg agus bàrdachd - An Teachdaire Gaelach (1829-31) agus Cuairtear nan Gleann (1840-43). Chanadh mòran an-diugh gu bheil rosg MhicLeòid trom, stòlda. Cha chanadh duine sin mu rosg Gàidhlig an 20mh linn. Tha Iain Crichton Mac a' Ghobhainn, Iain Moireach, Ruairidh MacThòmais agus Eilidh Watt air cur gu mòr ris a' mheud agus ris an inbhe aige.

Litreachas Gàidhealach ann am Beurla
Thog Sir Bhàtair Scott ùidh sa Ghàidhealtachd le cuid de na nobhailean aige, 's dòcha ri linn 's gun do leugh e 'Oisean', an dàn mòr aig Seumas Mac a' Phearsain. Chaidh dàn mòr Mhic a' Phearsain (air fhoillseachadh ann an 1760, agus air eadar-theangachadh gu Gearmailtis le Goethe) a leughadh le Napòleon agus a mholadh le Blake, Byron agus Bhàtair Scott. Rinn Mendelssohn, Schubert agus Brahms ceòl a bha stèidhichte air.

Am measg sgrìobhadairean ruisg an 20mh linn aig a bheil ceangal ris a' Ghàidhealtachd agus a tha mòran a' leughadh, tha Niall Gunna, Niall Rothach, Compton MacChoinnich, Tormod MacCaig agus Mìcheal Faber

Dòigh-beatha na Gàidhealtachd tro litreachas
Tha mòran de litreachas Gàidhealach ann am Beurla ag amas air dòigh-beatha na Gàidhealtachd. Mar eisimpleir, tha ‘Night falls on Ardnamurchan’ le Alasdair MacIlleathain a' toirt sùil air beatha na croite. Ann an "Tobermory Days" le Lorn Mac an t-Saoir tha ìomhaighean de dhòigh-beatha Muile suas bho 1950. Tha an dealbh ficseanail a tha Niall Gunna a' dèanamh de dhòigh-beatha na Gàidhealtachd an dà chuid beò agus ceart, gu h-àraidh ann an ‘Young Art and Old Hector’.

Foillseachadh
Ged nach robh litreachas Gàidhealach air fhoillseachadh gu h-ionadail, am bitheantas, o chionn ghoirid thòisich an taigh-foillseachaidh Balnain Books, agus an iris Northwords. Tha bàrdachd Ghàidhlig fhathast a' soirbheachadh. Tha follaiseachd air a thoirt do dh'obair sgoilearach le Comann Gàidhlig Inbhir Nis.

2 Toraidhean


Ìomhaighean: 52Bàrdachd
Ìomhaighean: 79Rosg

>
Duilleag de 1
<
Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture