Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
 
>
Duilleag de 1
<

Beul-aithris

Beul-aithris

Tha stòras mòr de bheul-aithris ann an Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba. Tha iomadh seòrsa sgeulachd ann: seann sgeulachdan Ceilteach agus Iongantais, sgeulachdan mu thachartasan eachdraidheil, uirsgeulan agus sgeulachdan os-nàdarrach. Bha meas cuideachd air sgeulachdan mu ainmean nan àitichean, mu charactaran an àite agus mu ainmhidhean fàidheanta.

Sgeulachdan Ceilteach agus Iongantais
Buinidh cuid dhe na seann sgeulachdan Ceilteach agus Iongantais do bheul-aithris a tha glè shean. Tha dlùth-cheangal aig na sgeulachdan Iongantais gu h-àraidh ri sgeulachdan nan Laoch à Eirinn. Chaidh na sgeulachdan as sine a ghleidheadh ann am beuloideas nan aos-dàna, na bàird agus na seanchaidhean a sgrìobh cuid dhen stuth aca air craiceann anns Na Meadhan Linntean. Bha na dearbh sgeulachdan fhathast gan clàradh le luchd cruinneachaidh beul-aithris air a' Ghàidhealtachd sna 1970an.

Seanchas
Bha na h-uirsgeulan air an gleidheadh le teaghlaichean àraidh, mar a bha ceòl, sinnsireachd is eile cuideachd. Far am biodh feadhainn a' tighinn air chèilidh air an fhionnairidh bhiodh sgeulachdan air an innse, gu h-àraidh nam biodh seanchaidh ainmeil an làthair. Bhiodh abairtean leithid "A bheil cuimhn' agaibh nuair …" no "Bha uair ann sa ghleann nuair…" a' cur chùisean a' dol agus bhiodh sean is òg air am beò ghlacadh le sgeulachdan ròlaisteach, iongantach no fìrinneach. Cha dèanadh ach corra dhuine air an dachaigh tràth!

Crìonadh ann am beul-aithris
Anns na bliadhnaichean mu dheireadh tha crìonadh air tighinn air seanchas. Tha cuideam bho na nuadh-mheadhanan cha mhòr air cur às don chèilidh dhualchasach a bha a' cur spionnadh sa bheul-aithris. Chan eil ann an-diugh ach fealla-dhà is naidheachdan beaga gan innse. Tha crìonadh ann an labhairt na Gàidhlig a' fàgail nas lugha dhaoine a dh'innseas na sgeulachdan. Ged a tha a' bheul-aithris seo air maireachdainn nas fhaide am measg nan teaghlaichean siubhail, fiù 's an sin tha na seann chleachdaidhean gu luath a' dol à bith.

8 Toraidhean


Ìomhaighean: 9Bàird
Ìomhaighean: 31Seanchas mu Ainmean-àite
Ìomhaighean: 51Fionnsgeulan & Uirsgeulan
Ìomhaighean: 32Fàidhean
Ìomhaighean: 92Bàrdachd
Ìomhaighean: 64Seanchas
Ìomhaighean: 56Creutairean Os-nàdarra

>
Duilleag de 1
<
Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture