Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
 
>
Duilleag de 1
<

Fiadh-bheatha

Fiadh-bheatha

Leis nach eil mac an duine a’ dèanamh cus buairidh air Ghàidhealtachd, tha fiadh-bheatha a’ soirbheachadh. Mar sin tha eòin agus ainmhidhean a tha tearc air neo à bith sa chòrr de Bhreatainn gu tric rin lorg innte.

Ainmhidhean na mòintich fhosgailte
Tha beanntan nan dachaigh don fhiadh, don gheàrr-gheal, don iolair-bhuidhe agus don fhitheach. Bidh an tàrmachan, an t-amadan-mòinitich, agus eun an t-sneachda a’ neadachadh an sin cuideachd, ged is fheàrr leis a’ chirc-fhraoich agus na h-uiseagan a’ mhòintich fhosgailte a tha nas ìsle. Bidh an sionnach agus am fiadh-chat a’ sealg air feadh beinn is mòinteach, mar a bhios an seabhag agus clamhan nan cearc. Bidh an starrag ri sgudalaireachd. Bidh an guilbneach, an fheadag agus an deoch-bhiugh a’ gairm an earraich len caoin thiamhaidh.

Ainmhidhean na coille
Tha coilltean agus mòr-choilltean nan dachaigh do thaghanan, bruic, earbaichean agus feòragan. Tha iomadach seòrsa eòin ri fhaotainn, nam measg lasair-coille, clamhan, cam-ghob Albannach agus gabhagan cìreanach. Tha capall-coille agus coileach-dubh ri fhaicinn ann am fosglaidhean sa mhòr-choille. Tha nathraichean-nimhe agus nathraichean gun phuinnsean bitheanta cuideachd.

Lusan an tuathanais
Air tuathanasan bidh geàrran agus coineanaich a’ soirbheachadh. Bidh gealbhonnan, glaiseanan, bric an t-sìl, agus eòin eile, a’ neadachadh ann an callaidean air falbh bho speireagan. Bidh speireagan-ruadh ag iadhadh gu h-àrd ’s iad an tòir air biadh. Tha an traon tearc, ach tha e fhathast ri fhaotainn ann an sgìrean san iar; tha e air a chluinntinn nas trice na tha e air fhaicinn. Air feurach garbh bidh ainmhidhean dachaigheil dùthchasach mar chrodh Gàidhealach agus caoraich Shoaigh ag ionaltradh gu toilichte.

Ri taobh abhainn agus loch
Tha pailteas bhradain agus bhreac ann an aibhnichean agus lochan. Tha tarragan cuideachd ri fhaotainn ann an cuid de na lochan nas àirde. As t-earrach, bidh biastan-dubha a’ fàgail a’ chosta agus a’ leantainn nan aibhnichean suas an tòir air iasg. Am measg nan eun aibhne tha gobhan-uisge, corrachan-gritheach, tunnagan agus sìoltan. Tha na lochan nan dachaighean do leargan-mòra agus dubha, agus bidh trìlleachain ag èalaidh ri taobh nan loch. Tha losgannan, muile-mhàgan agus dearcan-luachrach bitheanta.

Aig a’ chladach
Bidh ròin agus pèileagan a’ cluich mun oirthir, mar a bhios leumadairean agus cearbain. Bidh àireamhan mòra de dh’eòin-mhara – eòin-dubh an sgadain, sùlairean, sgaireagan, buthaidean, fulmairean agus corra sheòrsa faoileig – a’ neadachadh ann. Bidh maorach a’ greimeachadh air na creagan agus chìthear muirsgianan a’ spùdadh uisge air an tràigh ’s an làn a’ tràghadh.

Biastagan
Tha iomadh seòrsa biastaig ann ann am pailteas, nam measg dealain-dè mar an Argus Albannach, tairbh-nathrach, creithleagan agus a’ mheanbh-chuileag Ghàidhealach eagalach.

Fiadh-bheatha an ama a dh’fhalbh ’s a tha ri teachd
San àm a dh’fhalbh bha mathain, tuirc, loin, biobhairean agus madaidhean-allaidh a’ siubhal na Gàidhealtachd; ach chaidh an sealg à bith. Bho chionn ghoirid tha corra sheòrsa beathaich air tilleadh air neo tha iad air a bhith air an toirt a-staigh às ùr – gu sònraichte fiadh Lochlannach, capall-coille, iolairean-mara, cromain-lochaidh ruadha agus iolairean-iasgaich. Tha bruidhinn air a bhith ann mu bhith a’ toirt a-staigh madaidhean-allaidh, mathain agus biobhairean às ùr; dè mun àm ri teachd ma-thà?

3 Toraidhean


Ìomhaighean: 50Eòin
Ìomhaighean: 21Iasg
Ìomhaighean: 26Mamalan

>
Duilleag de 1
<
Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture