Please Sign In | Register
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TITLE
'The Three Pieces of Advice' (Gaelic)
EXTERNAL ID
AB_ESSIE_STEWART_05
DATE OF RECORDING
2008
PERIOD
2000s
CREATOR
Essie Stewart
SOURCE
Am Baile
ASSET ID
1178
KEYWORDS
travelling folk
travellers
lifestyles
gypsies
audios

Get Adobe Flash player

Essie Stewart is a traditional storyteller from Sutherland and one of the last people to have taken part in the traditional 'Summer Walking' of the travelling families. She is the grand-daughter of Ailidh Dall Stewart (1882-1968), one of the greatest Gaelic storytellers. Essie tells her stories in both English and Gaelic.

In this audio extract, recorded at the Ullapool Book Festival in 2008, Essie tells the story of 'The Three Pieces of Advice' in Gaelic.

'For our Gaelic speakers I will now do it in Gaelic:

Mar a thuirt mi, bho chionn iomadach bliadhna air ais bha teaghlach ann a shin agus bha iad bochd, bochd, agus an latha seo thuirt an duine ris a' bhean aig', "nis", thuirt e, "chan eil obair ann, chan eil obair an seo 's feumaidh mi an dachaigh fhàgail agus lorg obair."

"Ach uill," thuirt is', "tha mi 'creidsinn gur e mar sin a bhios e."

'S dh'fhalbh e. 'S chan eil fhios gu dè 'n t-astar no gu dè an ùin' a bha e a' coiseachd air an rathad, ach mu dheireadh thall thàinig e gu tuathanas 's char e gus an doras 's thàinig an tuathanach a-mach. 'S dh'innis e dha gu robh e a' lorg obair. "Och,'" thuirt an tuathanach ris, "tha gu leòr obair a seo dhut, ma se obair a tha thu a' lorg, tha gu leòr obair a seo dhuts'."

'S bha e mar sin, 's bha e còmhla riuth' 's bha e toilicht leis an obair a bha e a' dèanamh ann. Bha beagan treabhadh is cliathadh 's seall.., coimhead às dèidh na caoraich 's a h-uile càil a bha a' dol. 'S bha e sin mar sin iomadach bliadhna. 'S bhiodh e aig an àm sin, bhiodh iad a' faighinn an tuarastal a h-uile sia mìosan 's aig ceann nan sia mìosan bhiodh e a' cur airgead dhachaigh dhan a' bhean aig'. Agus, chan eil fhios, bha e an siud airson grunn bhliadhnachan agus an latha a bha seo thuirt e ris an tuathanach, "Uill, thuirt e, cha chreid mi nach eil a thìd ann a-nis gu robh mi a' dol dhachaigh gus a' bhean 's gus a' chloinn 's gus an teaghlach agam."

"Uill," thuirt an tuathanach,"tha mi creidsinn gu bheil," thuirt e, "ach bidh sinn uabhasach duilich do chall, d' obair..(gliog).....sadh. 'S an ath-mhadainn, làrna-mhaireach, thàinig e gu bhracaist 's thuirt bean an tuathanaich ris, "tha mi 'cluinntinn," ars is', "gu bheil thu 'dol dhachaigh."

"Tha," thuirt e, "tha thìd gu robh mi 'dol dhachaigh a-nis. Agus thionndaidh i 's thuirt i ris, "Co a b' fheàrr leat," ars is', "do thuarastal, no trì comhairlean?"
Agus smaoinich e agus thuirt e,"ach," thuirt e, "gabhaidh mi na trì comhairlean."

"Glè mhath ma tha," ars is'. "Uill," thuirt is', "a' chiad chomhairl', 's e," thuirt i, "nuair a dh'fhàgas tu seo an-diugh 's nuair a thig thu gu crois anns an rathad, lean ort air an rathad air a bheil thu. Tha ceum ann, thuirt i ceart gu leòr, ceum goirid, ach lean thus' air an rathad air a bheil thu. 'S an dàrna comhairl," thuirt is', " 's e, aig àm beul na h-oidhch thig thu gu taigh caol fada dubh. Agus," thuirt i, "thèid thu gus an doras 's thèid do thoirt a-staigh. 'S dòcha gu faigh thu greim biadh, gheibh thu tea co-dhiù, 's bios iad 'g iarraidh ort fuireach còmhla riuth' an oidhch. Na fuirich. Agus," thuirt i, "an treas comhairl' a bheir mi ort, 's e - bi faiceallach mus buail thu."

'S nuair a bha e falbh, thuirt i ris,"tha mi creidsinn," thuirt i, "nach bi sibh a' cleachd mòran aran lof, aig an dachaigh."

"Uill, chan eil," thuirt e, "tha a' bhean agam a' fuin," thuirt e," a h-uile là, ach chan eil sinn a' cleachd mòran aran lof."

"Seo ma tha," thuirt i. Agus robhaig i lof arain ann an tubhailt dha. 'S dh'fhalbh e le seo fo achlais, 's dh'fhalbh e.

Is ceart gu leòr, thàinig e gu crois an rathaid. 'S ann a ghabh e an ceum ach cha deach e fad. Smaoinich e, "mo chreach!" thuirt e, "seo a' chiad chomhairl'." 'S thill e 's lean e air an rathad air an robh e. 'S bha e 'coiseachd, 's chan eil fhios 'am gu dè 'n ùin, ach co-dhiù aig àm beul na h-oidhch thàinig e gus an taigh chaol, fhada, dhubh, 's char e gus an doras. Agus thàinig boireannach caol, àrd, ruadh gus an doras 's thug i staigh e. 'S dòch gun d' fhuair e a bhiadh 's fhuair e tea co-dhiù. 'S bha seann bhodach na shuidhe taobh an teine 's bha e a' còmhradh ris a' bhodach.

'S mu dheireadh thuirt e "uill," thuirt e" 's fheàrr dhomhs a bhith ' tarraing," thuirt e, "tha astar agam ri dhol fhathast." 'S thuirt an seann bhodach ris, "Ach stad. Fuirich. Cha ruig thu leas - tha e anmoch 's tha e fuar. Fuirich a seo a-nochd."

"Tha," thuirt e, "tha e anmoch 's tha e fuar ceart gu leòr," thuirt e, "ach ma leanas mis' orm," thuirt e, "bidh mi dhachaigh mus brist an là." 'S le sin dh'fhalbh e.

Ach nuair a thàinig e mach, chunnaic e - bha cruachan feur ri taobh an t-sabhail agus chladhaich e àite dha fhèin à srubhag fheur. 'S bha e ann a sin, 's cha do chaidil e, bha e cho fuar, cha do chaidil e. Agus uaireigin tron oidhch anns na h-uairean beag sa mhadainn, chuala e an fheadhainn a bha seo a' bruidhinn, a' còmhradh ri chèile. 'S ged a bha iad cho faisg air, cha dèanadh e mach facal dhe na bha iad ag ràdh. 'S bha iad cho faisg air gun do chuir e mach a làmh 's thug e caob dhe bonn a' chòta a bha fear òg a bha seo, agus 's ann ris an nighean, an tè ruadh a bha san taigh, ris an robh e 'bruidhinn - 's thug e caob dhe bonn a chòt le sgian 's chuir e na phòcaid e. 'S nuair a ghluais iadsan air falbh, thàinig e mach às a' chruach fheur 's thug e crathadh dheth fhèin 's thòisich e air coiseachd.

'S choisich e tron oidhch' 's mu dheireadh thall, aig mu shia uairean sa mhadainn 's dòch, ruig e a dhachaigh. Ach cha robh 'n creutair air a cois, bha e tràth, tràth. 'S char e staigh. 'S nuair a char e staigh, chunnaic e fear òg na laigh còmhla ris a' bhean aig'. 'S cha tuirt e facal. Char e mach 's thog e tuagh. Dh'fhaodadh gur e làmhag a their sibhse, 's e tuagh a their mis'. 'S char e staigh leis an tuagh mar seo na làmh 's bha e dol a bhualadh am fear òg a bha na laighe comhla ris a bhean. 'S dhùisg a bhean 's thuirt i, "Gu dè bha thu dol a dhèanamh?" 'S nuair a sheall e, 's e a mhac a bha na laighidh an taca ris a bhean, a mhac a bha sa chreathall nuair a dh'fhalbh e. 'S dh'èirich a-nis an taigh 's an àite air a cois 's chaidh an teine a lasadh 's an coire a chur air. 'S dh'innis e dhan a' bhean aig mar a thachair, 's nach d' fhuair e tuarastal ach gun d' fhuair e trì comhairlean. Agus thuirt e ris a' bhean aig,"seo," thuirt e, "sin agad lof aran a thug bean an tuathanas dhomh, airson a thoirt dhut."

'S nuair a bha an coire a' goil, thòisich i a' gearradh sliseagan den aran, 's mar a bha i a' gearradh nan sliseagan den aran, fhuair i a thuarastal staigh am broinn an loif.

Agus, a chàirdean, dhà no thrì làithean às dèidh sin, thàinig na polais 's iad ga cheasnachadh mu dheidhinn an taigh caol fada dubh air an do thadhail e. Agus mur a b' e 's gun tug e am pìos aodach dhe bonn còta an fhear a bha a' bruidhinn ris an tè ruadh 's e-as a bhiodh air a chur sìos airson murt an t-seann bhodach a bha san taigh sin, a chaidh a mhurt an oidhche sin, a bhathas aig an doras. Mur a b' e 's gun tug e pìos aodach dhe bonn a' chòta an fhear a bha san taigh sin 's e-as a bhiodh air a thoirt suas airson murt an t-seann bhodach a bha san taigh sin. Sin agaibh sgeulachd nan trì comhairlean.'

For guidance on the use of images and other content, please see the Terms and Conditions page.
High Life Highland is a company limited by guarantee registered in Scotland No. SC407011 and is a registered Scottish charity No. SC042593
Powered by Capture

'The Three Pieces of Advice' (Gaelic)

2000s

travelling folk; travellers; lifestyles; gypsies; audios

Am Baile

Am Baile: Essie Stewart