Please Sign In | Register
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TITLE
Craigard Day Centre Documentary (Gaelic 1 of 20)
EXTERNAL ID
SMO_ISLANDVOICES_01_GD
PLACENAME
Lochmaddy
DISTRICT
North Uist
OLD COUNTY/PARISH
INVERNESS: North Uist
DATE OF RECORDING
2007
PERIOD
2000s
CREATOR
Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd
SOURCE
Gordon Wells Sabhal Mor Ostaig
ASSET ID
147
KEYWORDS
social work
special needs

Get Adobe Flash player

This is a short documentary about the Craigard Day Centre in Lochmaddy, North Uist. It's a centre for people with disabilities, run by the Social Services Department of Comhairle nan Eilean Siar, the Western Isles Council.

This video is taken from the DVD 'Guthan nan Eilean' which was created by Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd as part of the European Leonardo POOLS project. The DVD comprises 40 short videos, aimed at learners of both English and Gaelic, which show daily life in Uist and Benbecula.

The project coordinator for 'Island Voices' was Gordon Wells. Link to the project blog here

Seo an t-Ionad Creag Àrd ann an Loch nam Madadh, Uibhist a Tuath. Tha e air a ruith le Roinn nan Seirbheisean Sòisealta aig Comhairle nan Eilean Siar.

A bharrachd air bùth-obrach, tha cidsin ann agus rùm-suidhe, far am faigh thu cupa tì agus còmhradh.

Bidh grunn dhaoine a' tighinn an seo airson diofar rudan a dhèanamh.

Bidh Dòmhnall MacFhionghain a' tighinn ann dà latha san t-seachdain.

Bidh Jamie MacCumhais a' dèanamh an aon rud.

Am measg rudan eile, 's urrainn dhaibh àirneis a dhèanamh, fuirm mar eisimpleir. Bidh iad gan reic anns a' choimhearsnachd.

Bidh an luchd-obrach san Ionad a' toirt taic dhaibh ann an iomadach dòigh - mar eisimpleir ann a bhith a' cruthachadh phìosan ealain. 'S e Marnie Keltie a tha a' stiùireadh ghnothaichean bho latha gu latha.

'S dòcha gu bheil an obair a' coimhead sìmplidh. Ach uaireannan, bho thoiseach a' ghnothaich gus an cuir thu crìoch air, feumaidh tu ceumanan gu leòr a ghabhail.

Agus nuair a tha e deiseil, faodaidh tu bhith gu math moiteil às an obair a rinn thu.

Aon latha gach seachdain bidh a h-uile duine a' dol a Thaigh Chearsabhagh, an taigh-tasgaidh agus ionad-ealain anns a' bhaile, airson biadh a ghabhail agus coimhead air na taisbeanaidhean.

An-dràsta tha cuid dhe na dealbhan a rinn Dòmhnall agus Jamie fhèin rim faicinn sa chafaidh. Agus chaidh cuid dhiubh a reic mar-thà.

'S e cothrom snog a th' ann cuideachd airson faighinn a-mach, faicinn gu dè tha a' dol anns a' bhaile, agus biadh a ghabhail.

Ann an aon ghailearaidh tha bonaidean is geansaidhean is aodach eile air an taisbeanadh, a tha air an dèanamh a-mach à clòimh.

Anns an taigh-tasgaidh tha Flòraidh NicDhòmhnaill a' sealltainn nan seann
chleachdaidhean tradaiseanta airson snìomh agus breabadaireachd.

Tha Dòmhnall a' faighinn cothrom an rud fheuchainn leis fhèin.

A bharrachd air ealain, tha Dòmhnall dèidheil air ceòl. Gu tric, bidh an latha a' tighinn gu crìoch le Dòmhnall a' cluich port no dhà air a' bhocsa, nuair a thilleas iad gu Creag Àrd.

For guidance on the use of images and other content, please see the Terms and Conditions page.
High Life Highland is a company limited by guarantee registered in Scotland No. SC407011 and is a registered Scottish charity No. SC042593
Powered by Capture

Craigard Day Centre Documentary (Gaelic 1 of 20)

INVERNESS: North Uist

2000s

social work; special needs

Gordon Wells Sabhal Mor Ostaig

Guthan nan Eilean / Island Voices