Please Sign In | Register
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TITLE
Craigard Day Centre Community Interview (Gaelic 3 of 20)
EXTERNAL ID
SMO_ISLANDVOICES_03_GD
PLACENAME
Lochmaddy
DISTRICT
North Uist
OLD COUNTY/PARISH
INVERNESS: North Uist
DATE OF RECORDING
2007
PERIOD
2000s
CREATOR
Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd
SOURCE
Gordon Wells Sabhal Mor Ostaig
ASSET ID
2846
KEYWORDS
social work
special needs

Get Adobe Flash player

Flora Macdonald, a North Uist resident, talks first of all about the importance of Craigard in the community, and her own interactions with Donald MacKinnon. She goes on to describe her reasons for setting up the traditional skills exhibition in Tigh Chearsabhagh, and her own thoughts on their place in the community today.

This video is taken from the DVD 'Guthan nan Eilean' which was created by Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd as part of the European Leonardo POOLS project. The DVD comprises 40 short videos, aimed at learners of both English and Gaelic, which show daily life in Uist and Benbecula.

The project coordinator for 'Island Voices' was Gordon Wells. Link to the project blog here

Well, tha Creag Àrd uabhasach cudromach sa choimhearsnachd airson… tha daoine a' faighinn a-mach às an dachaidh aca fhèin, agus tha iad a' cur seachad an latha còmhla ri daoine eile, agus cuideachd tha iad ag ionnsachadh sgilean, no tha iad an sàs ann an sgilean. Agus tha e a' toirt toileachadh dhaibh fhèin, agus eh, tha e cuideachd a' toirt faochadh dha na daoine a th' aig … aig an dachaidh aca. So, tha àite mar a tha Creag Àrd
uabhasach fhèin feumail.

Well, tha na daoine a th' ann an Creag Àrd… tha iadsan a' toirt gu leòr seachad. Tha iad air a bhith a' dèanamh uinneagan sa choimhearsnachd - agus chan e sin a h-uile h-uinneag - 's e uinneagan sònraichte a tha seo - stained glass - agus tha sin ag innse gu bheil sgilean sònraichte aig a' bhoireannach a tha a' ruith Creag Àrd, agus gu bheil i gan ionnsachadh dha na daoine a tha a' tighinn a-staigh.

Thachair mi air Dòmhnall, agus um, bha fhios 'am… thuig mi glè mhath gun robh ùidh aige as a' chuibhle agus as a' bheairt cuideachd. Bha e a' sealltainn air a' bheairt cho luath 's a thàinig e a-staigh. So mar sin sheall mi dha a' chuibhle-shnìomh an toiseach agus bha e a' tuigsinn glè mhath mar a bha i ag obair. Ach bha fhios 'am - bha mi a' smaointinn gun robh eòlas aige air a' bheairt mar-thà, agus, eh, rinn e rud air a' bheairt còmhla rium fhìn, agus tha fhios 'am gun dèan Dòmhnall obair beairt cuideachd, no breabadaireachd.

Well, chuir mise air dòigh an taisbeanadh a bha seo, airson tha mi air a bhith a' cruinneachadh stuth agus - eh, sin na h-innealan - tha mi air a bhith a' cruinneachadh nan innealan agus a h-uile sìon a bhuineas dha na sgilean a tha seo. Ach chuir mi air e airson gur ann anns a' cheann a tuath ann an Uibhist a Tuath a dh'ionnsaich mise snìomh an toiseach nuair a bha mi glè òg. Agus 's ann bho bhoireannach thall ann an Uibhist a Tuath - Mar, Mary Margaret an t-ainm a bh' oirre - agus fhuair mi a-mach an t-ainm aice ann an rannsachadh nuair a chuir mi air an taisbeanadh - agus, eh, mar sin bha mi airson na sgilean a tha… a dh'ionnsaich mi ann an Uibhist a Tuath a thoirt air ais dha na daoine an dèidh còig bliadhna fichead co-dhiù. Agus bhon a thàinig mi a dh'fhuireach an seo bha mi a' smaointinn gum biodh e gu math freagarach gun seallainn dhaibh na sgilean a thòisich mi air o chionn dh'fhaoidte còig bliadhna fichead.

Well, tha còmhlan air a bhith a' tighinn a-staigh, agus chuir boireannach eile a tha ag obair - Margaret Fenton - a tha ag obair air Prime Time ann an Taigh Chearsabhagh - tha ise - tha còmhlan aicese leis am bi i a' coinneachadh. So chuir ise air dòigh gun tigeadh iadsan a-staigh a shealltainn air an taisbeanadh, agus bha mi a' sealltainn nam beart.. well 's e real.. 's e a' chuibhle-shnìomh a bu mhotha a bha mi a' sealltainn dhaibh
agus chòrd sin rium uabhasach math airson thachair mi air boireannaich agus daoine an àite, agus bha ùidh aca uile anns an t-snìomh agus bha mi fhìn cuideachd ag ionnsachadh rudan bho na boireannaich anns a' choimhearsnachd airson bha fiosrachadh aca mu dheidhinn dè a bha mi a' dèanamh.

Agus cuideachd 's ann à Uibhist a Tuath a thàinig cuideachd m' athar, agus 's e tuairneir a bh' annta. Bhiodh iad a' dèanamh beairtean agus cuibhlichean-shnìomh agus aig an taisbeanadh a tha seo chì sinn mar a tha na sgilean tradaiseanta a bh' aig na fir ri obair a' chlò cuideachd. Agus tha mi a' smaointinn bu bheil sin gu math cudromach gum faic daoine mar a chaidh na h-innealan a thogail leis an làimh.

Bha còir, tha mi a' smaointinn, barrachd cothrom a bhith aig daoine òg na h-eileanan a tha seo barrachd, eh, a dhèanamh airson na sgilean ionnsachadh, airson mura h-ionnsaich mar a tha mo leithid fhìn - agus daoine nas sine na mi - aig a bheil na sgilean, bàsaichidh na sgilean a-mach… Tha mi a' cluintinn gu bheil an clò a' fàs gu math fasanta a-rithist,
agus gu bheil iad a' sealltainn airson barrachd dhaoine a nì obair a' chlò, agus gu bheil iad a' tairgsinn beairtean a thoirt do dhaoine òga ann an Leòdhas airson gun ionnsaich iad e. So, mar sin, cha deach an clò riamh a-mach à fasan, agus tha mi a' smaointinn gu bheil e a' sìor-fhàs fasanta.

For guidance on the use of images and other content, please see the Terms and Conditions page.
High Life Highland is a company limited by guarantee registered in Scotland No. SC407011 and is a registered Scottish charity No. SC042593
Powered by Capture

Craigard Day Centre Community Interview (Gaelic 3 of 20)

INVERNESS: North Uist

2000s

social work; special needs

Gordon Wells Sabhal Mor Ostaig

Guthan nan Eilean / Island Voices