- TITLE
- Re-Store Project Documentary (Gaelic 4 of 20)
- EXTERNAL ID
- SMO_ISLANDVOICES_04_GD
- PLACENAME
- Bornais
- DISTRICT
- South Uist
- OLD COUNTY/PARISH
- INVERNESS: South Uist
- DATE OF RECORDING
- 2007
- PERIOD
- 2000s
- CREATOR
- Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd
- SOURCE
- Gordon Wells Sabhal Mor Ostaig
- ASSET ID
- 2851
- KEYWORDS
- furniture restoration
recycling
The Re-Store Project is a social enterprise in South Uist. Old furniture is restored and recycled. The project also houses a book recycling scheme, and provides employment and training opportunities in the local community.
This video is taken from the DVD 'Guthan nan Eilean' which was created by Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd as part of the European Leonardo POOLS project. The DVD comprises 40 short videos, aimed at learners of both English and Gaelic, which show daily life in Uist and Benbecula.
The project coordinator for 'Island Voices' was Gordon Wells. Link to the project blog here
Tha am Pròiseact Re-Store stèidhichte ann am Bòrnais, Uibhist a Deas.
Tha e air a ruith leis a' bhuidhinn choimhearsnachd Cothrom, le taic bhon Aonadh Eòrpach.
Tha e ag amas air seann àirneis is leabhraichean a chur gu feum a-rithist.
Anns a' bhùth-obrach tha Seumas Dòmhnallach ag obair air seann àirneis a chaidh a thoirt dhan phròiseact.
Bidh e ga ghlanadh agus ga chàradh.
Uaireannan nì e obair a bharrachd airson a dhèanamh nas làidire.
Aon uair 's gu bheil e sàsaichte gu bheil e math gu leòr agus làidir gu leòr airson a bhith air a reic a-rithist, cuiridh e e anns a' bhùth.
Tha Seumas gu math toilichte innse do dhuine sam bith gu dè an obair a tha e air dèanamh, ann am Beurla no Gàidhlig.
Tha pròiseact leabhraichean anns a' bhùth cuideachd. 'S e Avril Chaimbeul a tha ga stiùireadh.
Tha seo a' tabhann chothroman airson obair agus trèanadh cuideachd.
A bharrachd air àirneis a chàradh, bidh am pròiseact ga thoirt an uair sin dhan taigh.
Ann a bhith a' reic deagh àirneis aig prìs ìseal agus ga thoirt dhan doras agaibh tha am pròiseact Re-Store air margaid shònraichte a chruthachadh ann an Uibhist. Leis mar a tha e cuideachd a' gearradh sìos air an uiread de sgudal a tha sinn a' dèanamh, dh'fhaodadh tu a ràdh gu bheil e a' toirt seachad seirbheis luachmhor dhan choimhearsnachd aig an aon àm.