Please Sign In | Register
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TITLE
Re-Store Director Interview (Gaelic 6 of 20)
EXTERNAL ID
SMO_ISLANDVOICES_06_GD
PLACENAME
Bornais
DISTRICT
South Uist
OLD COUNTY/PARISH
INVERNESS: South Uist
DATE OF RECORDING
2007
PERIOD
2000s
CREATOR
Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd
SOURCE
Gordon Wells Sabhal Mor Ostaig
ASSET ID
2859
KEYWORDS
furniture restoration
recycling

Get Adobe Flash player

Neil Macdonald is a director on the Board of management of Cothrom, the community group that manages the Re-Store project. He describes the director's responsibilities for the work of Cothrom in general and the importance of voluntary group involvement in island community life.

This video is taken from the DVD 'Guthan nan Eilean' which was created by Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd as part of the European Leonardo POOLS project. The DVD comprises 40 short videos, aimed at learners of both English and Gaelic, which show daily life in Uist and Benbecula.

The project coordinator for 'Island Voices' was Gordon Wells. Link to the project blog here

'S mise Niall Dòmhnallach. Tha mi nam stiùiriche air Cothrom. Tha Cothrom - 's e aonad trèanaidh 's ionnsachaidh a th' ann airson inbhich a tha stèidhichte ann an Uibhist a Deas. Tha mu ochdnar againn air a' bhòrd-stiùiridh, agus o latha gu latha bidh sinn a' dèanamh cinnteach gu bheil gnothaichean a' dol gu math aig Cothrom, gu bheil a h-uile sgath a' ruith mar bu chòir. Bidh sinn a' dèanamh phlanaichean fad-ùine airson 's dòcha bliadhna mar sin. Eh, bidh sinn a' dèanamh planaichean leasachaidh airson Cothrom cuideachd, airson a' bhuidheann, agus bidh sinn a' dèanamh cinnteach gu bheil na cosgaisean mar bu chòir. Bidh sinn a' coinneachadh mu aon uair sa mhìos, eh, fad na bliadhna, agus tha mi a' smaoineachadh dìreach gum bi sinn, tha sinn a' dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' toirt taic dhan luchd-obrach againn airson na h-amasan a th' aig Cothrom a choileanadh.

Well, tha mu dusan luchd-obrach aig Cothrom agus tha a' mhòr-chuid dhiubh, tha iad stèidhichte, well tha iad stèidhichte ann an Staoinibrig, ann am Meadhan Uibhist. Ach tha dà aonad eile againn cuideachd, aonad ann an, aonad ann am Beinn na Faoghla, 's Loch Baghasdail, agus cuideachd ann an Eilean Bharraigh. Eh, tha daoine againn a tha sinn a' pàigheadh, ach cuideachd tha daoine, tha tutoran againn cuideachd a tha saor-thoileach. 'S tha an dà chuid againn, daoine a tha ag obair saor-thoileach agus daoine a th' air am pàigheadh airson an obair a tha iad a' dèanamh. Agus tron dorais againn sa bhliadhna tha mi cinnteach gu bheil mu dhà cheud gu leth oileanach air clàradh againn a h-uile bliadhna, is son a' mhòr-chuid tha iad a' dèanamh deagh adhartas air fad.

Well, 's e, tha Cothrom daonnan a' coimhead airson cùrsaichean a tha freagarrach 's a' coinneachadh ri feumalachdan nan eileanan. Agus, 's ann caran mar sin a thòisich Re-Store. Tha e mar phàirt de bhuidheann "Hi Hopes in the Highlands", agus, eh, thòisich e o chionn eh, chanainn eh, sia mìosan no mar sin. 'S e rud leis an can thu "iomairt sòisealta" a th' ann. Agus tha sin a' ciallachadh dìreach gun e gnìomhachas a th' ann, ach chan eil sinn a' coimhead airson prothaid mhòr sam bith - chan eil sinn a' coimhead airson prothaid idir. Tha e air a chur air bhonn airson adhbharan sòisealta. Agus na h-adhbharan a th' againn air a shon 's e dìreach trèanadh a thoirt do dh'inbhich anns a' choimhearsnachd. Agus 's e sin a tha sinn a' dèanamh. Tha inbhich a' dol a-staigh 's a' cuideachadh leis a' phròiseact a tha seo.

Well, thòisich Cothrom ann an naoi ceud deug naochad 's a dhà. Eh, bha boireannaich Staoinibrig, shìos ann an Staoinibrig mu Mheadhanan Uibhist. Bha feadhainn aca airson tilleadh a dh'obair. Ach bha iad a' faireachdainn gun robh cùrsaichean a dhìth orra son sgilean ùra ionnsachadh. Agus 's ann caran mar sin a thòisich iad. Bha na ciad chùrsaichean a bh' ann, 's ann an … cùrsaichean a bha a dhìth aig an àm, 's e cùrsaichean mar a bha fuaigheal is tàillearachd, is figheadaireachd, is gnothaichean mar sin. Is bha beagan ann cuideachd de coimpiutaireachd is teicneòlas fiosrachadh - rudan a bha a' tòiseachadh aig an àm. So 's ann caran mar sin a thòisich iad.

Ach eh, agus 's ann caran mar sin a tha e fhathast - cùrsaichean sam bith a tha a dhìth sa choimhearsnachd, feuchaidh Cothrom rin tabhann no rin toirt seachad do dhuine sam bith a tha gan iarraidh. 'S tha sinn ag obair ann an dòigh - na dòighean obrach, tha iad gu math sùbailte. Eh, ma tha duine ag iarraidh ionnsachadh a h-aon gu h-aon 's urrainn dhuinn a dhèanamh, no ann am buidheann beag, no ma tha e airson ionnsachadh sam bith no seirbheisean a thairgsinn do ghnìomhachasan Uibhist dhèanadh sinn sin cuideachd.

Agus tha sin a' ciallachadh gu bheil, well - tha deagh àrainneachd ionnsachaidh anns na togalaichean againn ann am Beinn na Faoghla, Staoinibrig, Loch Baghasdail, agus Uibhist a Deas. 'S bidh sinn cuideachd a' dèanamh clasaichean oidhche coimhearsnachd ann an compàirteachas ri Comhairle nan Eilean Siar. 'S tha sin ag obrachadh math cuideachd. Tha e a' ciallachadh gum faod daoine an dèanamh sa choimhearsnachd aca fhèin, gun gluasad ro fhada, gu h-àraidh air feadh a' gheamhraidh nuair nach eil an aimsir cho math.

For guidance on the use of images and other content, please see the Terms and Conditions page.
High Life Highland is a company limited by guarantee registered in Scotland No. SC407011 and is a registered Scottish charity No. SC042593
Powered by Capture

Re-Store Director Interview (Gaelic 6 of 20)

INVERNESS: South Uist

2000s

furniture restoration; recycling

Gordon Wells Sabhal Mor Ostaig

Guthan nan Eilean / Island Voices