Please Sign In | Register
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TITLE
Hebridean Food: Cookery Demonstration Documentary (Gaelic 9 of 20)
EXTERNAL ID
SMO_ISLANDVOICES_09_GD
PLACENAME
Daliburgh
DISTRICT
South Uist
OLD COUNTY/PARISH
INVERNESS: South Uist
DATE OF RECORDING
2007
PERIOD
2000s
CREATOR
Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd
SOURCE
Gordon Wells Sabhal Mor Ostaig
ASSET ID
2871
KEYWORDS
food preparation

Get Adobe Flash player

The 'Blas Uibhist night was put on by the Ceolas community group in South Uist to celebrate local food as well as music. Local food producers offered tastings of their products, and a well-known hotelier gave a cookery demonstration. The evening finished with lice local music. The event was held in Gaelic, with simultaneous translations into English.

This video is taken from the DVD 'Guthan nan Eilean' which was created by Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd as part of the European Leonardo POOLS project. The DVD comprises 40 short videos, aimed at learners of both English and Gaelic, which show daily life in Uist and Benbecula.

The project coordinator for 'Island Voices' was Gordon Wells. Link to the project blog here

Aon Oidhche Haoine sna saor-làithean as t-samhradh tha muinntir an àite agus luchd-tadhail a' cruinneachadh ann an Talla Naoimh Pheadair ann an Dalabrog, Uibhist a Deas, airson tachartas neo-àbhaisteach. Tha a' bhuidheann choimhearsnachd, Ceòlas, a' cur seachad oidhche shònraichte gus blasad a thairgsinn de bhiadh agus de cheòl an àite.

Tha e a' tòiseachadh le cothrom airson a h-uile duine blasad fhaighinn dhen bhiadh a tha ri fhaotainn anns na h-Eileanan Siar. Tha Maclean's Bakery stèidhichte ann am Beinn na Faoghla, ged a gheibhear am bathar ann am bùithtean air feadh Uibhist agus nas fhaide air falbh. Tha an Hebridean Smokehouse suidhichte ann an Uibhist a Tuath. Tha Salar, a tha cuideachd a' dèiligeadh le bradan, stèidhichte ann an Uibhist a Deas. Agus tha Kallin Shellfish suidhichte ann an Griomasaigh.

Às dèidh a' "bhlasaid bhig" thig an "dìnnear mhòr" - taisbeanadh de chòcaireachd a tha a' cleachdadh biadh nan eilean seo.

Tha e air a thoirt seachad gu tur ann an Gàidhlig, ach tha fònaichean-cluaise rim faotainn aig an doras airson duine sam bith a dh'iarras eadar-theangachadh gu Beurla. 'S e Màiri NicAonghais bean an taighe.

Tha na riaghailtean a' ràdh nach fhaod am biadh a bhith a-mach uabhasach fada. So, an ceann treiseag bheag eile bidh iad a' tòiseachadh air a chur air falbh. Ma tha duine ag iarraidh tuilleadh, 's e seo an t-àm a dhol suas airson beagan a bharrachd.

'S e Mary Ellen Stiùbhart a nì an t-eadar-theangachadh.

Chan e na riaghailtean a tha ag ràdh idir gu bheil an deoch … nach fhaod sibh an deoch a ghabhail. Tha mi a' smaoineachadh gur dòcha gu bheil glainne no dhà eile thall ann a shiud ma tha duine ag iarraidh fìon. Agus às dèidh sin bidh sinn dìreach a' tòiseachadh.

Agus a-nochd tha sinn a' toirt thugaibh tè nach - tha mi cinnteach - eil fhios aig a h-uile duine cò th' ann an Iseabail Graham co-dhiù. Tha i tric gu leòr air an rèidio, tric, tha i air a bhith air an telebhisean triop no dhà, agus tha sinn uile - ged nach eil sinn gu tric ga faicinn thaobh 's tha i slaving over a hot stove a h-uile latha 's a h-uile h-oidhche - agus tha sinn uile eòlach air cho math 's a tha i air còcaireachd biadh Gàidhealach agus biadh an àite fhèin. 'S a-nochd tha i dìreach a' dol a thoirt dhuinn blasad beag agus chì sinn mar a tha iad ga dhèanamh.

Mar a bhiodh an dùil, tha àite sònraichte aig biadh na mara anns na h-eileanan. Bidh Iseabail a' cleachdadh tòrr èisg agus maorach, mar eisimpleir sgait-mhanaich air a h-ùr-ghlacadh, no bradan air a smocadh, no creachann - no 's dòcha gun cuir i còmhla iad uile.

Tha a h-uile duine a' leantail na tha i a' dèanamh gu dlùth.

Tha a' chrùbag cudromach cuideachd, agus a' còrdadh ri mòran.

Fhad 's a tha an oidhche a' dol seachad gheibh a h-uile duine blasad de chòcaireachd Iseabail. Gabhaidh fiù 's Mary Ellen beagan fois. Tha am biadh air a thoirt seachad am measg na tha san èisteachd, agus gheibh an stiùiriche ciùil aig Ceòlas, Iain Dòmhnallach, a shuipear cuideachd. An uair sin tha facal no dhà aig Màiri mus tòisich an ceòl.

Well, chan urrainn dhuinn a ràdh ach ceud mìle taing do dh'Iseabail, agus ged a tha an duine a tha air aghaidh a' ghnothaich ag obair cruaidh tha mòran de dh'obair a' dol air cùl rudan cuideachd.

Cha b' urrainn dhuinne an oidhche a-nochd a chur air adhart gun cuideachadh a fhuair sinn bho na daoine a tha a' toirt seachad a' bhìdh. Chaidh am biadh air fad a thoirt seachad an asgaidh, agus 's e rud mòr a tha sin.

A-rithist cuimhnichibh gur e biadh an àite fhèin am biadh as fheàrr a th' ann, agus gum bu chòir dhuinn a bhith dèanamh barrachd feum dheth, ga cheannach nas trice.

Oidhche mhath leat, Iseabail, ach chì sinn a-rithist thu. Many thanks indeed.

Airson crìoch a chur air a' ghnothach cluichidh Iain Dòmhnallach port na dhà cuide ri luchd-ciùil eile às an àite fhèin agus à àiteachan eile. Tha Iain, a tha a' fuireach ann am Beinn na Faoghla, ainmeil air feadh an t-saoghail mar neach-ciùil Albannach, an dà chuid air a' phìob agus air an duiseal. Ann a sheo, na choimhearsnachd fhèin, 's urrainn dha fois a ghabhail cuide ri caraidean. Bhiodh e doirbh smaoineachadh air dòigh nas fheàrr na sin airson crìoch a chur air lòn math slànmhor.

For guidance on the use of images and other content, please see the Terms and Conditions page.
High Life Highland is a company limited by guarantee registered in Scotland No. SC407011 and is a registered Scottish charity No. SC042593
Powered by Capture

Hebridean Food: Cookery Demonstration Documentary (Gaelic 9 of 20)

INVERNESS: South Uist

2000s

food preparation

Gordon Wells Sabhal Mor Ostaig

Guthan nan Eilean / Island Voices