Please Sign In | Register
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TITLE
Ceolas Administrator Interview (Gaelic 13 of 20)
EXTERNAL ID
SMO_ISLANDVOICES_13_GD
PLACENAME
Daliburgh
DISTRICT
South Uist
OLD COUNTY/PARISH
INVERNESS: South Uist
DATE OF RECORDING
2007
PERIOD
2000s
CREATOR
Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd
SOURCE
Gordon Wells Sabhal Mor Ostaig
ASSET ID
2888
KEYWORDS
education

Get Adobe Flash player

Mary Ellen Stewart is the administrator of the summer school. She describes the tasks that need to be done leading up to and during the week.

This video is taken from the DVD 'Guthan nan Eilean' which was created by Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd as part of the European Leonardo POOLS project. The DVD comprises 40 short videos, aimed at learners of both English and Gaelic, which show daily life in Uist and Benbecula.

The project coordinator for 'Island Voices' was Gordon Wells. Link to the project blog here

Tha mi ag obair aig Ceòlas. Tha mi trang san oifis aca ag ullachadh airson seachdain Cheòlais fhèin. Tha sinn a' deisealachadh airson an luchd-teagaisg a' tighinn a-nall, a' cur air dòigh modhan-siubhail dhaibh, em, plèanaichean is bàta-aiseig is a h-uile sìon, dèanamh cinnteach gu bheil àite-fuirich aca, cuideachd a' dèanamh cinnteach gu bheil, em, am brochure againn deiseil agus an làrach-lìn airson gum faigh na h-oileanaich fiosrachadh sna dòighean sin, an uair sin a' freagairt ceist sam bith a th' aca.

Well, thòisich mise aig Ceòlas aig toiseach na bliadhna, agus tha mi air a bhith an sàs ann airson sia mìosan co-dhiù. A' ruith suas gu Ceòlas tha sinn gu math trang.

Tha mi ag obair còig latha san t-seachdain bho naoi sa mhadainn gu còig feasgar.

'S àbhaist na h-oileanaich agus an luchd-teagaisg tighinn Latha na Sàbaid, 's tha iad - na h-oileanaich - a' clàradh an uair sin, 's bidh na, a h-uile sìon againn deiseil dhaibh airson a thogail - fiosrachadh sam bith mun àite 's mu na clasaichean aca. Agus an uair sin tha seirbheis eaglais againn air an oidhche, agus cèilidh fàilteachais dhaibh uile, a' tachairt ann an talla shuas an rathad. Agus tha na clasaichean a' tòiseachadh Diluain 's iad a' ruith troimhe gu feasgar Dihaoine. Agus gach oidhche tha tachartasan, cèilidhean 's sin a' dol fad na seachdain.

Air an latha mu dheireadh, em, bidh na clasaichean a' crìochnachadh mu thrì uairean feasgar. Agus an uair sin tha, em, na h-oileanaich a' sealltainn dha chèile - tha rud air a bhith aca ris an canar "crossover class", far a bheil iad air a bhith ag obair còmhla, em, a' sealltainn an ceangal eadar an dannsa, 's an ceòl, 's an cànan, 's a h-uile sìon mar sin. Agus air Dihaoine tha iad a' cur sineach uile còmhla airson sealltainn dha chèile na tha iad air ionnsachadh. 'S an uair sin air an oidhche tha an cèilidh mòr againn, agus an uair sin dannsa às dèidh sin.

Disathairne tha a h-uile sìon - tha a h-uile duine a' siubhal air ais dhachaigh.

Well, o chionn trì bliadhna air ais chaidh sgioba bho Ceòlas a-null gu Celtic Colours ann an Ceap Breatainn, agus bha iad airson ionnsachadh bhuapa thall ann an shineach - tha iad a' ruith sgoil chiùil a tha ann an dòigh glè choltach ri Ceòlas fhèin. So, ach gu mì-fhortanach cha robh mi an sàs ann an Ceòlas cho tràth sin. Thòisich mi nam tutor ann an sheo o chionn dà bhliadhna air ais.

For guidance on the use of images and other content, please see the Terms and Conditions page.
High Life Highland is a company limited by guarantee registered in Scotland No. SC407011 and is a registered Scottish charity No. SC042593
Powered by Capture

Ceolas Administrator Interview (Gaelic 13 of 20)

INVERNESS: South Uist

2000s

education

Gordon Wells Sabhal Mor Ostaig

Guthan nan Eilean / Island Voices