Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Mhìogharraidh, Àird nam Murchan
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0334_AT
ÀITE
Cille Chomhain
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
10024
KEYWORDS
Caisteal Mhìogharraidh
Àird nam Murchan
Tighearnas nan Eilean
Seumasaich
ath-thogail dhealbhan
Mingary Castle, Ardnamurchan

'S e seo dealbh-camara de Chaisteal Mhìogharraidh, 2km an earradheas air Cill Chomhain, air tràigh a deas Àird nam Murchan, Earra-ghàidheal. Tha an caisteal air a shuidheachadh gu cudromach far am faic e fosglaidhean Loch Shuaineirt agus Chaoil Muile. 'S e cathair MhicIain Àird nam Murchan, iar chlann MhicDhòmhnaill nan Eilean, a bha sa chaisteal.

Tha eachdraidh thràth a' chaisteil seo mì-shoilleir, ach 's ann san 13mh linn a chaidh na pàirtean as tràithe dheth a thogail. Ann an 1696, thug Iarla Earra-Ghàidheil seachad oighreachd Àird nam Murchan, agus Mìogharraidh na phàirt dheth, do Alasdair Caimbeul Loch nan Eala a thòisich ri leasachadh a' chaisteil. Ann an 1723 chaidh an oighreachd a cheannach le Alasdair Moireach à Stanhope, agus bha e na shealbh-san gu ruig 1743.

Rè ar-a-mach nan Seumasach an 1745 dh' fhuirich buidheann bheag de shaighdearan Hanòbhair sa chaisteal. An ath bhliadhna chaidh barrachd a chur ann agus bha 59 oifigearan ann agus na fir aca. Mu 1770 fhuair Seumas Riddell an oighreachd agus dh'fhuirich e san teaghlach sin gu 1848. Às dèidh sin thòisich an caisteal a' dol na thobhta.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Mhìogharraidh, Àird nam Murchan

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan

2000an

Caisteal Mhìogharraidh; Àird nam Murchan; Tighearnas nan Eilean; Seumasaich; ath-thogail dhealbhan

Am Baile

'S e seo dealbh-camara de Chaisteal Mhìogharraidh, 2km an earradheas air Cill Chomhain, air tràigh a deas Àird nam Murchan, Earra-ghàidheal. Tha an caisteal air a shuidheachadh gu cudromach far am faic e fosglaidhean Loch Shuaineirt agus Chaoil Muile. 'S e cathair MhicIain Àird nam Murchan, iar chlann MhicDhòmhnaill nan Eilean, a bha sa chaisteal.<br /> <br /> Tha eachdraidh thràth a' chaisteil seo mì-shoilleir, ach 's ann san 13mh linn a chaidh na pàirtean as tràithe dheth a thogail. Ann an 1696, thug Iarla Earra-Ghàidheil seachad oighreachd Àird nam Murchan, agus Mìogharraidh na phàirt dheth, do Alasdair Caimbeul Loch nan Eala a thòisich ri leasachadh a' chaisteil. Ann an 1723 chaidh an oighreachd a cheannach le Alasdair Moireach à Stanhope, agus bha e na shealbh-san gu ruig 1743. <br /> <br /> Rè ar-a-mach nan Seumasach an 1745 dh' fhuirich buidheann bheag de shaighdearan Hanòbhair sa chaisteal. An ath bhliadhna chaidh barrachd a chur ann agus bha 59 oifigearan ann agus na fir aca. Mu 1770 fhuair Seumas Riddell an oighreachd agus dh'fhuirich e san teaghlach sin gu 1848. Às dèidh sin thòisich an caisteal a' dol na thobhta.