Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Tioram, Loch Mùideart
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0337
ÀITE
Eilean Tioram
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10034
KEYWORDS
Caisteal Tioram
Loch Mùideart
Tighearnas nan Eilean
Seumasaich
Crombail
Clann Raghnaill
Castle Tioram, Loch Moidart

Air a shuidheachadh air eilean beag mara ann an Loch Mùideart, siorrachd Inbhir Nis, cha ghabh Caisteal Tioram a ruighinn ach nuair bhios an làn a-muigh. 'S ann san 13mh linn a chaidh a thogail ach chaidh a ghabhail thairis le Amy 'IcRuairidh às dèidh dhan phòsadh aice do Iain, 7mh Tighearna nan Eilean, a bhith air a sgaoileadh sa 14mh linn. 'S e an dàrna mac aig Amy a bha na fhear-stèidhidh do MhacDhòmhnaill Chlainn Raghnaill agus 's ann acasan a-rithist a bha Caisteal Tioram na dhaingneachd.

Bha eachdraidh gu math riaslach aig a' chaisteal. Chaidh ionnsaigh a dhèanamh air an 1554 fo òrdugh Màiri de Guise agus chaidh a ghlacadh le Crombail ann an 1651. Mus do dh'fhalbh e leis na Seumasaich ann an 1715 loisg am fear-seilbh mu dheireadh an caisteal gus nach gabhadh a chleachdadh le feachdan an riaghaltais. Cha deach duine a-riamh tuilleadh a dh'fhuireach ann agus tha e a-nise na thobhtaichean cunnartach.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Tioram, Loch Mùideart

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

20l

Caisteal Tioram; Loch Mùideart; Tighearnas nan Eilean; Seumasaich; Crombail; Clann Raghnaill

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection