Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Mhìogharraidh, Àird nam Murchan
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0339
ÀITE
Cille Chomhain
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10038
KEYWORDS
Caisteal Mhìogharraidh
Àird nam Murchan
Tighearnas nan Eilean
Seumasaich
Mingary Castle, Ardnamurchan

Chaidh an dealbh seo a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson, agus chì thu ann sealladh air Caisteal Mhìogharraidh, 2chil. an earra-dheas air Cill Chomhain, air tràigh a deas Àird nam Murchan, Earra-Ghàidheal. Tha an caisteal air a shuidheachadh gu cudromach far am faic e fosglaidhean Loch Shuaineirt agus Chaoil Muile. 'S e cathair MhicIain Àird nam Murchan, iar chlann MhicDhòmhnaill nan Eilean, a bha sa chaisteal.

Tha eachdraidh thràth a' chaisteil seo mì-shoilleir, ach 's ann san 13mh linn a chaidh na pàirtean as tràithe dheth a thogail. Ann an 1696, thug Iarla Earra-Ghàidheil seachad oighreachd Àird nam Murchan, agus Mìogharraidh na phàirt dheth, do Alasdair Caimbeul Loch nan Eala a thòisich ri leasachadh a' chaisteil. Ann an 1723 chaidh an oighreachd a cheannach le Alasdair Moireach à Stanhope, agus bha e na shealbh-san gu ruig 1743.

Rè ar-a-mach nan Seumasach an 1745 dh' fhuirich buidheann bheag de shaighdearan Hanòbhair sa chaisteal. An ath bhliadhna chaidh barrachd a chur ann agus bha 59 oifigearan ann agus na fir aca. Mu 1770 fhuair Seumas Riddell an oighreachd agus dh'fhuirich e san teaghlach sin gu 1848. Às dèidh sin thòisich an caisteal a' dol na thobhta.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Mhìogharraidh, Àird nam Murchan

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan

20l

Caisteal Mhìogharraidh; Àird nam Murchan; Tighearnas nan Eilean; Seumasaich

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection