Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-cuimhne Ghleann Fhionghain, Loch Seile, Loch Abar
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0369
ÀITE
Gleann Fhionghain
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10106
KEYWORDS
dealbhan-camaraan
A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan
Mary Ethel Muir Donaldson
Carragh-cuimhne Ghleann Fhionghain
Gleann Fhionghain
Loch Seile
Seumasaich
Seumasach
Teàrlach Òg Stiùbhart
Glenfinnan Monument, Loch Shiel, Lochaber

Chaidh an dealbh seo de charragh-cuimhne Ghleann Fhionghain, le Loch Seile ris a' chùl, a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth dhen 20mh linn.

Thàinig Teàrlach Òg Stiùbhart (Am Prionnsa Teàrlach) air tìr aig ceann a tuath Loch Seile aig Gleann Fhionghain air an 19mh dhen Lùnastal 1745. Thog e a' bhratach aige an sin a' comharrachadh toiseach Ar-a-mach nan Seumasach. B' e Alasdair MacDhòmhnaill à Gleann Athaladail a thogadh Carragh-cuimhne Ghleann Fhionghain ann an 1815 mar chuimhneachan air an luchd-cinnidh a rinn sabaid agus a chaill am beatha ann an adhbhar nan Seumasach.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne Ghleann Fhionghain, Loch Seile, Loch Abar

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

20l

dealbhan-camaraan; A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan; Mary Ethel Muir Donaldson; Carragh-cuimhne Ghleann Fhionghain; Gleann Fhionghain; Loch Seile; Seumasaich; Seumasach; Teàrlach Òg Stiùbhart

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection