Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rèile Mhalaig, 's dòcha faisg air Gleann Fhionghain,
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0376
ÀITE
Gleann Fhionghain
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10116
KEYWORDS
Malaig
Rèile Cheann an Iar na Gàidhealtachd
An Gearasdan
drochaid-rèile Ghleann Fhionghain
Mallaig Railway, near Glenfinnan

Chaidh an dealbh seo de rèile Mhalaig, 's dòcha faisg air Gleann Fhionghain, a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth dhen 20mh linn. Chaidh Leasachadh Rèile Cheann an Iar na Gàidhealtachd fhosgladh ann an 1901. Bha an loidhne a' ruith eadar An Gearasdan agus Malaig agus chaidh a togail airson ceangal ri seirbheisean aiseig nan Eilean Siar agus gus brosnachadh a thoirt do ghnìomhachas an iasgaich. 'S e drochaid-rèile Ghleann Fhionghain fear dhe na structairean as motha a tha air an loidhne. Tha còrr is 1200 troigh a dh'fhaid innte le 21 stuagh. Tha an tè as àirde dhiubh sin 100 troigh a dh'àirde.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rèile Mhalaig, 's dòcha faisg air Gleann Fhionghain,

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

20l

Malaig; Rèile Cheann an Iar na Gàidhealtachd; An Gearasdan; drochaid-rèile Ghleann Fhionghain

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection