Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Liosta de Mhàl-talmhainn gun Phàigheadh, 1756 (Duilleag 1)
EXTERNAL ID
GB1796_2003_037_1
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
28 An Lùnastal 1756
LINN
1750an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
1013
KEYWORDS
sgrìobhainnean
cunntasan
cunntasan baile
cunntasan airgid
Account of Deficient Feu Duties, 1756 (Page 1)

San sgrìobhainn seo leis a' cheann-là 28mh Lùnastail 1756, tha Aonghas Mac an Tòisich, ionmhasair a bh' ann an Inbhir Nis, a' dèanamh liosta de na 'Deficient Feu Duties' (fiachan màil-talmhainn no cairbhist nach deach pàigheadh) na dhàrna earrainn oifigeil o Latha Whitsun 1748 gu Latha Whitsun 1750.

Am measg an luchd-fiach a th' air an liostadh nach do phàigh cairbhist no màl-talmhainn tha: Uilleam Stiven, greusaiche; Uilleam Friseal, neach-frithealaidh nan làn-mara; Raibeart Neilson, 'litster' (neach-dathaidh aodaich); Iain Tàillear, sgrìobhadair; an Caiptein Iain Reid, maighstir-shoithich; Tòmas Friseal, neach-grùdaidh; Seòras Rogers, maighstir-shoithich; Iain Grannd, iar-neach-ceàird; Raibeart Neilson, lannsair; Iain MacBheathain, sgrìobhadair; am Bàillidh Uilleam Friseal air bùth fon stìopall; baile Inbhir Nis air bùth fo Bhùth nan Cìsean; am Morair Grannd air leth eathrach iasgach na h-aibhne (b' e lìon agus eathar dòigh iasgaich ann an aibhnichean le làn-mara); Iain Tàillear, sgrìobhadair (airson iasgach nam Manach); am Morair Grannd air aon chòigeamh de Mhuilnean an Rìgh; agus 'Dempster' aig Alasdair Dunbar, ministeir (b' e 'dempster' oifigear cùirte a bhiodh a' gairm gu cinnteach na binn, mar a stiùireadh dha leis a' chlàrc no leis a' bhritheamh).

Tha na fiachan gu lèir a' tighinn gu trì ceud, ochdad 's a seachd punnd, aon tasdan deug agus ochd sgillinnean airgid Albannaich.

Tha an dealbh a' sealltainn duilleag a h-aon na sgrìobhainn.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Liosta de Mhàl-talmhainn gun Phàigheadh, 1756 (Duilleag 1)

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1750an

sgrìobhainnean; cunntasan; cunntasan baile; cunntasan airgid

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Inverness Burgh Treasurer's Accounts: Outstanding Debts