Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Ghaoidhlein, An t-Òban
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0384
ÀITE
Cearara
SGÌRE
Ceann a Deas Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: A' Chille Mhòr 'a Cille Bhrìghde
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10131
KEYWORDS
Caisteal Ghaoidhlein
caistealan
Cearara
Dùghallaich
Cùmhnantaich
Seanalair Leslie
caisteal
Gylen Castle, Kerrera, Oban

Tha Caisteal Ghaoidhlein ann an ceann a deas eilean Chearara, faisg air an Òban ann an Earra-ghàidheal. B' e daingneachd nan Dùghallach a bh' ann o thùs. Bha an caisteal ann an deagh àite airson smachd a chumail air air an t-slighe chumhang
a-steach dhan Òban tro Chaolas Chearara. Thugadh ionnsaigh air a' chaisteal agus chaidh a chur na theine le feachd Cùmhnantach an t-Seanalair Leslie ann an 1647. 'S iongantach gu robh duine ann on uair sin. Chaidh an dealbh seo a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth dhen 20mh linn.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Ghaoidhlein, An t-Òban

EARRA-GHÀIDHEAL: A' Chille Mhòr 'a Cille Bhrìghde

20l

Caisteal Ghaoidhlein; caistealan; Cearara; Dùghallaich; Cùmhnantaich; Seanalair Leslie; caisteal

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection