Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Lochan ann an Gleann Comhainn
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0386
ÀITE
Gleann Comhann
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10136
KEYWORDS
lochan
lochan
Gleann Comhann
Bidean nam Bian
Monadh Rainich
Lochan in Glencoe

Tha Gleann Comhann a' ruith mu 10 mìle an iar bho Mhòinteach Rainich gu cladach Loch Lìobhainn. Tha Aonach Eagach air an taobh tuath dheth agus tha e air a mheas mar àite cho doirbh 's a th' air tìr mòr na h-Alba airson a dhol suas ann. Tha Bidean nam Bian shìos air a' cheann as isle dhen taobh dheas le Buachaille Èite Bheag a' sìneadh air ais gu Gleann Èite agus Buachaille Èite Mhòr air a' cheann as àirde dhen taobh dheas. Tha luchd-coiseachd is streap uabhasach measail air a' bheinn seo.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Lochan ann an Gleann Comhainn

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

20l

lochan; lochan; Gleann Comhann; Bidean nam Bian; Monadh Rainich

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection