Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An t-Òban, bho Chaolas Chearara
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0388
ÀITE
An t-Òban
SGÌRE
Ceann a Deas Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: A' Chille Mhòr 'a Cille Bhrìghde
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10140
KEYWORDS
An t-Òban
Caolas Chearara
Oban, as seen from Sound of Kerrera

Chaidh an dealbh seo a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth dhen 20mh linn a' coimhead a-null dhan Òban à Eilean Chearara.

San 18mh linn b' e baile iasgaich beag agus baile malairt a bha san Òban. Nuair a thòisich na bàtaichean-smùide a' tighinn ri linn Bhioctoria agus a thàinig an rèile dhan bhaile, dh'fhàs An t-Òban gus am b' e prìomh bhaile Earra-ghàidheil. Tha Cearara a' toirt fasgadh dha ach a-mhàin nuair a tha sìde air leth dona ann agus, mar sin, bha a' mhòr-chuid dhe na bàtaichean-smùide a bha a' dol dha na h-Eileanan Siar a' falbh às. Bhiodh na bàtaichean a bha a' siubhal eadar Inbhir Nis agus Glaschu tro Shligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir agus Sligh'-uisge Chrìonain a' tadhal ann cuideachd.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-Òban, bho Chaolas Chearara

EARRA-GHÀIDHEAL: A' Chille Mhòr 'a Cille Bhrìghde

20l

An t-Òban; Caolas Chearara

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection