Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàta-siùil, Cille Chomhain, Àird nam Murchan
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0429
ÀITE
Cille Chomhain
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10232
KEYWORDS
Cille Chomhain
bàtaichean
taighean
tughadh
Àird nan Murchan
croitean
Caisteal Mhìogharraidh
bàta
taigh
croit
dealbh
Sailing boat at Kilchoan, Ardnamurchan

Chaidh an dealbh seo de bhàta-siùil air tràigh a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth dhen 20mh linn. Dh'fhaodadh gur ann an Cille Chomhain air Rubha Àird nam Murchan a bha seo. Tha an rubha a' còmhdach 200,000 acaire fearainn air taobh siar na h-Alba. Bha Caisteal Mhìogharraidh, faisg air Cille Chomhain, na dhaingneachd aig clann MhicIain, meur dhe na Dòmhnallaich, Tighearnan nan Eilean.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàta-siùil, Cille Chomhain, Àird nam Murchan

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan

20l

Cille Chomhain; bàtaichean; taighean; tughadh; Àird nan Murchan; croitean; Caisteal Mhìogharraidh; bàta; taigh; croit; dealbh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection