Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Liosta Litrichean an lùib an Ar-a-mach Sheumasaich Bhig, 1719 (Beulaibh)
EXTERNAL ID
GB1796_2003_046_1_1
DEIT
19th century
LINN
1710an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
1029
KEYWORDS
sgrìobhainnean
litrichean
Ar-a-mach nan Seumasach
Na Seumasaich
Blàr Ghleann Sheile
blàir
bataill
Letter relating to the 1719 Jacobite Rising

Anns an sgrìobhainn phàipeir seo, sgrìobhte ann an làmh na naoidheimh linn deug, tha an liosta 'Glenshiel Rising Letters to Be Copied'. 'S dòcha gun deach an sgrìobhainn a dhèanamh le Teàrlach Friseal-Mac an Tòisich (1828-1901), fear a bha na sgoilear agus na BhP aig Inbhir Nis. Tha bileag clo-bhuailte a' leantainn ris, leis an àireimh 1038.

'S e sreath de litrichean a tha san liosta. 'S ann mu Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1719 (air an robh cuideachd 'An t-Ar-a-mach Beag') a tha na litrichean. Thàinig an t-Ar-a-mach seo gu ceann ann am Batal Ghleann Sheile.

An dèidh an Ar-a-mach Sheumasaich neo-shoirbheachail ann an 1715, rinneadh oidhirp eile a' chathair-rìoghail a ghlacadh ann an 1719, agus b' ann mar sin a fhuair e an t-ainm 'An t-Ar-a-mach Beag'. Chaidh an t-arm Seumasach a thogail le Camshron Loch Iall, le Iarla Shìphoirt agus leis a' Mhorair Seòras Moireach, agus thàinig mu 300 Spàinnteach, a ràinig Loch Aillse sa Ghiblean 1719, còmhla riutha. Rinn an fheachd mheasgte seo meàrrsadh gu ruig Gleann Seile agus choinnich iad feachd Hanòbhair an 10mh den Ògmhios. Ged a bha an dà thaobh gu math coltach a thaobh meud agus neart, chaill na Seumasaich agus chaidh an sgaoileadh. Tha cuimhn' air àrach a' bhlàir fhathast ann an ainmean an àite: an cnoc Sgurr nan Spàinnteach os a chionn agus Drochaid nan Spàinnteach cuideachd.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Liosta Litrichean an lùib an Ar-a-mach Sheumasaich Bhig, 1719 (Beulaibh)

1710an

sgrìobhainnean; litrichean; Ar-a-mach nan Seumasach; Na Seumasaich; Blàr Ghleann Sheile; blàir; bataill

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Jacobite Letters

Anns an sgrìobhainn phàipeir seo, sgrìobhte ann an làmh na naoidheimh linn deug, tha an liosta 'Glenshiel Rising Letters to Be Copied'. 'S dòcha gun deach an sgrìobhainn a dhèanamh le Teàrlach Friseal-Mac an Tòisich (1828-1901), fear a bha na sgoilear agus na BhP aig Inbhir Nis. Tha bileag clo-bhuailte a' leantainn ris, leis an àireimh 1038.<br /> <br /> 'S e sreath de litrichean a tha san liosta. 'S ann mu Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1719 (air an robh cuideachd 'An t-Ar-a-mach Beag') a tha na litrichean. Thàinig an t-Ar-a-mach seo gu ceann ann am Batal Ghleann Sheile. <br /> <br /> An dèidh an Ar-a-mach Sheumasaich neo-shoirbheachail ann an 1715, rinneadh oidhirp eile a' chathair-rìoghail a ghlacadh ann an 1719, agus b' ann mar sin a fhuair e an t-ainm 'An t-Ar-a-mach Beag'. Chaidh an t-arm Seumasach a thogail le Camshron Loch Iall, le Iarla Shìphoirt agus leis a' Mhorair Seòras Moireach, agus thàinig mu 300 Spàinnteach, a ràinig Loch Aillse sa Ghiblean 1719, còmhla riutha. Rinn an fheachd mheasgte seo meàrrsadh gu ruig Gleann Seile agus choinnich iad feachd Hanòbhair an 10mh den Ògmhios. Ged a bha an dà thaobh gu math coltach a thaobh meud agus neart, chaill na Seumasaich agus chaidh an sgaoileadh. Tha cuimhn' air àrach a' bhlàir fhathast ann an ainmean an àite: an cnoc Sgurr nan Spàinnteach os a chionn agus Drochaid nan Spàinnteach cuideachd.