Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch MullÀird och, Gleann Chanaich
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0465
ÀITE
Gleann Canaich
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10302
KEYWORDS
Gleann Chanaich
Loch Mullardoch
Srath Ghlas
dealan-uisge
Gleann Afraig
Loch Mullardoch, Glen Cannich

Chaidh an dealbh seo a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth dhen 20mh linn. Chithear Loch Mullardoch ann an Gleann Chanaich, Siorrachd Inbhir Nis, le Tom a' Chòinnich agus Beinn Fhionnlaigh gu deas. 'S e Gleann Chanaich fear dhe na trì glinn a tha a' sìneadh an iar ann an Srath Ghlais. 'S e Gleann Srath Fharair agus Gleann Afraig na dhà eile. Ann am meadhan an 20mh linn, chaidh àirde Loch Mullardoch a thogail 113 troigh mar phàirt de dh'obair sgeama dealan-uisge Afraig/na Manachainn.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch MullÀird och, Gleann Chanaich

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

20l

Gleann Chanaich; Loch Mullardoch; Srath Ghlas; dealan-uisge; Gleann Afraig

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection