Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sandaidh Mac a' Phearsain, am post, Mùideart
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0466
ÀITE
Loch Ailleart
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
LINN
1920an
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10304
KEYWORDS
Sandaidh Mac a' Phearsain
post
Loch Ailleart
Gleann Ùige
slighean phuist
eich
each
Postman Sandy MacPherson, Moidart

Chaidh an dealbh seo a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth dhen 20mh linn. Chithear Sandaidh Mac a' Phearsain, am post, agus am pònaidh aige. Bhiodh Sandaidh a' gabhail na slighe bho Loch Ailleart gu Gleann Ùige ann am Mùideart, Siorrachd Inbhir Nis. B' e tuineachadh iomallach ris a' chladach a bh' ann an Gleann Ùige agus cha robh rathad a' dol ann gu 1966.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig I dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sandaidh Mac a' Phearsain, am post, Mùideart

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

1920an

Sandaidh Mac a' Phearsain; post; Loch Ailleart; Gleann Ùige; slighean phuist; eich; each

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection