- TIOTAL
- Marsco, bho Ghleann Shligeachan, An t-Eilean Sgitheanach
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0477
- ÀITE
- Gleann Shligeachain
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: An Srath
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10331
- KEYWORDS
- Gleann Shligeachan
Marsco
Ealaghol
An Cuiltheann
Camas Fhionnairigh

Chaidh an dealbh seo de Mharsco, mar a chithear I bho Ghleann Shligeachan, san Eilean Sgitheanach, a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth dhen 20mh linn. Tha Gleann Shligeachan a' sìneadh ochd mìle deas o Thaigh-òsta Shligeachain chun na mara ann an Camas Fhionnairigh, faisg air Ealaghol agus tha e na chrìch eadar an Cuiltheann Dubh, an iar air a' Ghleann, agus an Cuiltheann Dearg chun an ear. Tha cruth nas cruinne air Marsco agus tha an cruth seo nas bitheanta sa Chuiltheann Dhearg.
Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive