Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Marsco, bho Ghleann Shligeachan, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0478
ÀITE
Gleann Shligeachain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10333
KEYWORDS
Gleann Shligeachan
Marsco
Ealaghol
An Cuiltheann
Camas Fhionnairigh
Marsco, as seen from Glen Sligachan, Skye

Chaidh an dealbh seo de Mharsco, mar a chithear i bho Ghleann Shligeachan, san Eilean Sgitheanach, a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth dhen 20mh linn. Tha Gleann Shligeachan a' sìneadh ochd mìle deas o Thaigh-òsta Shligeachain chun na mara ann an Camas Fhionnairigh, faisg air Ealaghol agus tha e na chrìch eadar an Cuiltheann Dubh, an iar air a' Ghleann, agus an Cuiltheann Dearg chun an ear. Tha cruth nas cruinne air Marsco agus tha an cruth seo nas bitheanta sa Chuiltheann Dhearg.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Marsco, bho Ghleann Shligeachan, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

20l

Gleann Shligeachan; Marsco; Ealaghol; An Cuiltheann; Camas Fhionnairigh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection