Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-tughaidh ann an Achosnaich, Àird nam Murchan
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0495
ÀITE
Achosnaich
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10374
KEYWORDS
tugha
tughadh
bothan
fraoch
Thatched cottage at Achosnich, Ardnamurchan

Chaidh an dealbh seo de thaigh-tughaidh, boireannach, gille agus cu, a thogail aig Achosnaich le M.E.M. (Mary Ethel Muir) Donaldson sa chiad leth dhen 20mh linn. Tha tuineachadh croitearachd Achosnaich 3 mìle an iar thuath air Cille Chomhain air Rubha Àrd nam Murchan ann an Earra-ghàidheal.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-tughaidh ann an Achosnaich, Àird nam Murchan

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan

20l

tugha; tughadh; bothan; fraoch

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection