Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais Fhleòdraidh Sròn an t-Sìthein 2
EXTERNAL ID
Z_QZP40_21935_P427
ÀITE
Sròn an t-Sìthein
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
LINN
1840an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
10390
KEYWORDS
eaglaisean
clèireachd
An Eaglais Shaor
cùl-taic
ministearan
togalaichean
bàtaichean
Strontian Floating Church 2

Bha Achd Chùl-taic 1712 a' feuchainn ri siostam cùl-taic a thoirt air ais gu Eaglais na h-Alba. Bha seo a' ciallachadh gur e uachdaran an fhearainnl, no an Neach-taice, a bha a' taghadh ministear airson na h-eaglais, is nach e na daoine. Cha robh seo idir a' còrdadh ri na coithionalan, oir cha robh math na h-eaglaise aig an neach-taice san amharc ro thric. Thug a' chomhstrì seo sgaradh dhan eaglais ann an 1843. Choisich mu 500 ministear a-mach à Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba a chum Eaglais na h-Alba Shaor a chruthachadh (chaidh an t-ainm atharrachadh gu Eaglais Shaor na h-Alba a-rithist.

Bha obair chruaidh air thoiseach air An Eaglais Shaoir, oir bha aca ri eaglaisean, mansaichean, sgoiltean is ministearan fhaighinn airson nan coithionalan uile. Bha na trioblaidean seo air an dèanamh nas miosa le uachdarain nach robh airson talamh a thoirt dhan eaglais ùir airson thogalaichean. Bha iomadh seirbheis air a cumail a-muigh.

Tha an earrann seo, air a thoirt o 'Annals of the Disruption; with extracts from the narratives of Ministers who left the Scottish Establishment in 1843', leis an Urr Tòmas MacGilleDhuinn, ag innse nach robh muinntir Shròn an t-Sithein idir air am mì-mhisneachadh le dìth talmhainn. Chruinnich iad £1,400 is thog iad eaglais a bha air fleòdradh. Ghabhadh an eaglais suas ri 400 duine

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais Fhleòdraidh Sròn an t-Sìthein 2

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan

1840an

eaglaisean; clèireachd; An Eaglais Shaor; cùl-taic; ministearan; togalaichean; bàtaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Bha Achd Chùl-taic 1712 a' feuchainn ri siostam cùl-taic a thoirt air ais gu Eaglais na h-Alba. Bha seo a' ciallachadh gur e uachdaran an fhearainnl, no an Neach-taice, a bha a' taghadh ministear airson na h-eaglais, is nach e na daoine. Cha robh seo idir a' còrdadh ri na coithionalan, oir cha robh math na h-eaglaise aig an neach-taice san amharc ro thric. Thug a' chomhstrì seo sgaradh dhan eaglais ann an 1843. Choisich mu 500 ministear a-mach à Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba a chum Eaglais na h-Alba Shaor a chruthachadh (chaidh an t-ainm atharrachadh gu Eaglais Shaor na h-Alba a-rithist.<br /> <br /> Bha obair chruaidh air thoiseach air An Eaglais Shaoir, oir bha aca ri eaglaisean, mansaichean, sgoiltean is ministearan fhaighinn airson nan coithionalan uile. Bha na trioblaidean seo air an dèanamh nas miosa le uachdarain nach robh airson talamh a thoirt dhan eaglais ùir airson thogalaichean. Bha iomadh seirbheis air a cumail a-muigh. <br /> <br /> Tha an earrann seo, air a thoirt o 'Annals of the Disruption; with extracts from the narratives of Ministers who left the Scottish Establishment in 1843', leis an Urr Tòmas MacGilleDhuinn, ag innse nach robh muinntir Shròn an t-Sithein idir air am mì-mhisneachadh le dìth talmhainn. Chruinnich iad £1,400 is thog iad eaglais a bha air fleòdradh. Ghabhadh an eaglais suas ri 400 duine