Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rùm bho Bhàgh Laig, Eige
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0510
ÀITE
Bàgh Laig
SGÌRE
Eige
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10407
KEYWORDS
Eige
Bàgh Laig
Camas Sgiotaig
clach-ghainmhche
Rùm
An Sgurr
basalt
làbha
Rum, from Bay of Laig, Eigg

Chaidh an dealbh seo de Rùm, mar a chithear e bho Bhàgh Laig air Eige, a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth dhen 20mh linn. 'S e Eige fear dhe na h-Eileanan Beaga (Ìnnse Gall a-staigh). Tha e mu sheachd mìle far tìr mòr. 'S e An Sgurr, air a dèanamh de làbha, a' chuid as àirde dhen eilean seo. Tha na bearraidhean ann an ceann a tuath Eige aig Bàgh Laig agus Camas Sgiotaig de chlach-ghainmche shoilleir a bhios a' dol na cruthan annasach nuair a tha I a' bleith. Tha basalt san talamh gu deas.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rùm bho Bhàgh Laig, Eige

INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga

20l

Eige; Bàgh Laig; Camas Sgiotaig; clach-ghainmhche; Rùm; An Sgurr; basalt; làbha

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection