Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cladh Chiarain, Camas nan Geall, Àird nam Murchan
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0514_AT
ÀITE
Camas nan Geall
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
10420
KEYWORDS
Camas nan Geall
Àird nam Murchan
tursachan
cladhan
dùin
Cladh Chiarain
tursa
cladh
dùn
ath-thogail dhealbhan
Cladh Chiarain, Camas nan Geall, Ardnamurchan

San dealbh-camara seo chithear Cladh Chiarain aig a' chlachan na thobhtaichean de Chamas nan Geall, air tràigh a deas Rubha Àird nam Murchan. 'S ann on 18mh linn a tha an dà chlach-uaighe a tha ris a' bhalla, a tha do Chaimbeulaich Àird Shlignis. Ri taobh a' chladh (fada dhan chlì) tha clach-tursa ann snaidhte le crois.

Tha e coltach gu bheil ceangal aig a' chladh ris an Naomh Ciaran Mac an t-Saeir a tha air a thìodhlacadh ann, a rèir beul-aithris. Tha trì clachan tìodhlacaidh on 18mh linn sa chladh agus 's dòcha gun deach an cladh fhosgladh airson muinntir an teaghlaich aig Caimbeulaich Àird Slignis a bha nan Caitligich. Chan eil cumadh dèanta air a' chlach a tha na seasamh agus 's dòcha gun deach a togail ann an Linn an Umha agus a snaidheadh a-rithist le diofar ìomhaigh, nam measg beathach agus crois Laidinn. Am measg nan seann carraighean eile san sgìre tha càrn seòmarach, a tha mu 90 meatair gu tuath air a' chladh, agus dùn ro-eachdraidheil a' coimhead thairis air a' bhàgh.

Chaidh an dealbh seo de Chladh Chiarain aig seann thuineachadh Chamas nan Geall air cladach a deas Rubha Àird nam Murchan a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth dhen 20mh linn. Tha tursa le crois oirre ri taobh a' chlaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cladh Chiarain, Camas nan Geall, Àird nam Murchan

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan

2000an

Camas nan Geall; Àird nam Murchan; tursachan; cladhan; dùin; Cladh Chiarain; tursa; cladh; dùn; ath-thogail dhealbhan

Am Baile

San dealbh-camara seo chithear Cladh Chiarain aig a' chlachan na thobhtaichean de Chamas nan Geall, air tràigh a deas Rubha Àird nam Murchan. 'S ann on 18mh linn a tha an dà chlach-uaighe a tha ris a' bhalla, a tha do Chaimbeulaich Àird Shlignis. Ri taobh a' chladh (fada dhan chlì) tha clach-tursa ann snaidhte le crois.<br /> <br /> Tha e coltach gu bheil ceangal aig a' chladh ris an Naomh Ciaran Mac an t-Saeir a tha air a thìodhlacadh ann, a rèir beul-aithris. Tha trì clachan tìodhlacaidh on 18mh linn sa chladh agus 's dòcha gun deach an cladh fhosgladh airson muinntir an teaghlaich aig Caimbeulaich Àird Slignis a bha nan Caitligich. Chan eil cumadh dèanta air a' chlach a tha na seasamh agus 's dòcha gun deach a togail ann an Linn an Umha agus a snaidheadh a-rithist le diofar ìomhaigh, nam measg beathach agus crois Laidinn. Am measg nan seann carraighean eile san sgìre tha càrn seòmarach, a tha mu 90 meatair gu tuath air a' chladh, agus dùn ro-eachdraidheil a' coimhead thairis air a' bhàgh.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo de Chladh Chiarain aig seann thuineachadh Chamas nan Geall air cladach a deas Rubha Àird nam Murchan a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth dhen 20mh linn. Tha tursa le crois oirre ri taobh a' chlaidh.