Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Coille Chreig Phàdraig, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0525
ÀITE
Creag Phàdraig
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10446
KEYWORDS
Creag Phàdraig
Cruithnich
dùin ghlainnichte
dùn ghlainnichte
dùn
Woodland scene, Craig Phadrig, Inverness

Chaidh an dealbh seo, 's dòcha de Choille Chreig Phàdraig, a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth dhen 20mh linn. Tha dùn ghlainnichte aig Creag Phàdraig, faisg air Inbhir Nis. Chaidh a thogail sa 4mh no sa 5mh linn RC ach chaidh a chur na theine an dèidh sin. Nuair a chaidh an làrach a chladhach ann an 1971, fhuaradh fianais air na Cruithnich eadar 500 agus 700 AD.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Coille Chreig Phàdraig, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

20l

Creag Phàdraig; Cruithnich; dùin ghlainnichte; dùn ghlainnichte; dùn

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection