Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gleann Seile
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0538
ÀITE
Gleann Seile
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10459
KEYWORDS
Rathad nan Eilean
Gleann Seile
Gleann Chluanaidh
beanntan Chinn Tàile
Blàr Ghleann Seile
Sgurr nan Spàinnteach
Seòrasaich
Glen Shiel

Tha Gleann Seile na phàirt de 'Rathad nan Eilean' agus tha e a' sìneadh bho Loch Dubhthaich gu Gleann Chluanaidh le beanntan mòra air gach taobh. Nam measg sin, tha Beanntan Chinn Tàile gu tuath. Chaidh an dealbh seo a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth dhen 20mh linn.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gleann Seile

ROS: Loch Aillse

20l

Rathad nan Eilean; Gleann Seile; Gleann Chluanaidh; beanntan Chinn Tàile; Blàr Ghleann Seile; Sgurr nan Spàinnteach; Seòrasaich

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection