Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seann Drochaid, Gleann Seile
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0541
ÀITE
Gleann Seile
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10462
KEYWORDS
Eilean I
Gleann Seile
Drochaid nan Spàinnteach
Blàr Ghleann Seile
Seumasaich
Hanobharianaich
Iarla Seaforth
Sgùrr nan Spàinnteach
Old Bridge, Glen Shiel

Chaidh dealbh dhen t-seann drochaid seo aig Gleann Seile a thogail le M.E.M Donaldson, anns a' chiad leth dhen 20mh linn. 'S dòcha gur e an drochaid seo an drochaid a dh'aithnicheas daoine mar 'Drochaid nan Spàinnteach'.

An dèidh mar nach do shoirbhich le àr-a-mach nan Seumasach ann an 1715, rinn na Seumasaich oidhirp eile gus an crùn fhaighinn ann an 1719. B' e 'An t-àr-a-mach beag' a chaidh a thoirt air an àr-a-mach sin. Bha feachdan nan Seumasach, a bha air an cruinneachadh còmhla le Camshron Loch Iall, Iarla Shiophoirt agus am Morair Seòras Moireach, agus còmhla riutha bha mu 300 Spàinnteach a bh' air Loch Aillse a ruighinn anns a' Ghiblean 1719. Rinn na feachdan sin, a bha uile bho iomadh àite eadar-dhealaichte, caismeachd air Gleann Seile far an do choinnich iad ris na feachdan Hanobhairianach. Ged a bha meud agus neart nam feachdan an ìre mhath co-ionnan, chaidh buaidh fhaighinn air na Seumasaich agus sgap iad. Tha a' bheinn, Sgurr nan Spàinnteach, a tha os cionn làrach a' bhlàir a' comharrachadh gun robh saighdearan Spàinnteach an làthair mar a tha 'Drochaid nan Spàinnteach' cuideachd.

Rugadh an neach-togail-dhealbh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seann Drochaid, Gleann Seile

ROS: Loch Aillse

20l

Eilean I; Gleann Seile; Drochaid nan Spàinnteach; Blàr Ghleann Seile; Seumasaich; Hanobharianaich; Iarla Seaforth; Sgùrr nan Spàinnteach

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection