Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Cluanaidh
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0543
ÀITE
Loch Cluanaidh
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10464
KEYWORDS
M.E.M Donaldson
togail dhealbhan
A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan Eilean I, Loch Cluanaidh
Taigh-òsta Chluanaidh
fèilltean
An Eaglais Bhreac, Craoibh, dròbhairean cruidh, dròbhaireachd, dealbhan
Loch Cluanie

Tha Loch Cluanaidh 15 mìle an iar air Cille Chuimein agus bidh mòran a' dol ann airson iasgach. Tha Taigh-òsta Chluanaidh, a bha an toiseach na àite stad do dhròbhairean cruidh a bh' air an slighe gu fèilltean anns An Eaglais Bhric agus Craoibh, aig ceann an iar na locha. Chaidh an dealbh seo de Loch Cluanaidh a thogail anns a' chiad leth dhen 20mh linn le M.E.M. Donaldson.

Rugadh an neach-togail-dhealbh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Cluanaidh

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

20l

M.E.M Donaldson; togail dhealbhan; A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan Eilean I, Loch Cluanaidh; Taigh-òsta Chluanaidh; fèilltean; An Eaglais Bhreac, Craoibh, dròbhairean cruidh, dròbhaireachd, dealbhan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection