Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rathad tro Ghleann Seile
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0544
ÀITE
Gleann Seile
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10465
KEYWORDS
togail dhealbh
Eilean I, Rathad nan Eilean
Gleann Seile
Drochaid nan Spàinnteach
Blàr Ghleann Seile
Seumasaich
Hanobharianaich
Iarla Seaforth
Sgùrr nan Spàinnteach
Road through Glen Shiel

Pàirt dhen t-slighe aig 'Rathad nan Eilean', tha Gleann Seile deich mìle a dh'fhaid bho Loch Dubhthaich gu Gleann Chluanaidh le beanntan eireachdail air gach taobh, nam measg sin, Beanntan Chinn Tàile air an taobh a tuath. Chaidh dealbh a thogail dhen rathad seo tro Ghleann Seile anns a' chiad leth dhen 20mh linn le M.E.M Donaldson.

Tha iomadach tachartas cudromach air tachairt thar nan linntean anns a' Ghleann, nam measg sin Blàr Ghleann Seile. An dèidh mar nach do shoirbhich le àr-a-mach nan Seumasach ann an 1715, rinn na Seumasaich oidhirp eile gus an crùn fhaighinn ann an 1719. B' e 'An t-àr-a-mach beag' a chaidh a thoirt air an àr-a-mach sin. Bha feachdan nan Seumasach, a bha air an cruinneachadh còmhla le Camshròn Loch Iall, Iarla Shiophoirt agus am Morair Seòras Moireach, agus còmhla riutha bha mu 300 Spàinnteach a bh' air Loch Aillse a ruighinn anns a' Ghiblean 1719. Rinn na feachdan sin, a bha uile bho iomadh àite eadar-dhealaichte, caismeachd air Gleann Seile far an do choinnich iad ris na feachdan Hanobhairianach. Ged a bha meud agus neart nam feachdan an ìre mhath co-ionnan, chaidh buaidh fhaighinn air na Seumasaich agus sgap iad. Tha a' bheinn, Sgurr nan Spàinnteach, a tha os cionn làrach a' bhlàir a' comharrachadh gun robh saighdearan Spàinnteach a' làthair mar a tha 'Drochaid nan Spàinnteach' cuideachd.

Rugadh an neach-togail-dhealbh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rathad tro Ghleann Seile

ROS: Loch Aillse

20l

togail dhealbh; Eilean I, Rathad nan Eilean; Gleann Seile; Drochaid nan Spàinnteach; Blàr Ghleann Seile; Seumasaich; Hanobharianaich; Iarla Seaforth; Sgùrr nan Spàinnteach

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection