Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Càrn Laighe
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0549
ÀITE
Gleann Spiothan
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10470
KEYWORDS
M.E.M Donaldson
Eilean I, càirn
càirn laighe
Eaglais Chille Choirille
Cille Choirille
Gleann Spiothan
làraich tiodhlacaidh
eaglaisean
tòrraidhean
eaglais
làrach tiodhlacaidh
Resting Cairn

Chaidh dealbhan dhe na càirn seo, air a bheil 'càirn laighe', a thogail le M.E.M Donaldson, anns a' chiad leth dhen 20mh linn. Chan eil fhios le cinnt càite an deach an dealbh a thogail, ach 's dòcha gun deach a togail air an rathad gu Eaglais Chille Choirille, ann an Gleann Spiothan, faisg air An Drochaid Ruaidh, Siorrachd Inbhir Nis.

Gheibhear càirn laighe ri taobh rathaidean no slighean a tha a' dol gu eaglaisean. An uair a b'fheudar do chiste a bhith air a togail airson ùine fhada chun an làraich tiodhlacaidh, bhithte a' stad bho àm gu àm gus am b' urrainn dhan fheadhainn a bha a' togail na cistidh anail a leigeil. Gu bitheanta, bhiodh càirn air an togail aig na làraich seo.

Rugadh an neach-togail-dhealbh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Càrn Laighe

INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig

20l

M.E.M Donaldson; Eilean I, càirn; càirn laighe; Eaglais Chille Choirille; Cille Choirille; Gleann Spiothan; làraich tiodhlacaidh; eaglaisean; tòrraidhean; eaglais; làrach tiodhlacaidh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection