Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Càirn Laighe, Gleann Ruadh
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0554
ÀITE
Gleann Ruaidh
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10474
KEYWORDS
Eilean I, Eaglais Chille Choirille
Cille Choirille
Gleann Spiothan
càirn, càrn
Resting Cairns, Glen Roy

Gheibhear càirn laighe ri taobh rathaidean no slighean a tha a' dol gu eaglaisean. An uair a b' fheudar do chiste a bhith air a togail airson ùine fhada chun na làraich thiodhlacaidh, bhithte a' stad bho àm gu àm gus am b' urrainn dhan fheadhainn a bha a' togail na ciste anail a leigeil. Gu bitheanta, bhiodh càirn air an togail aig na làraich seo.

Rugadh an neach-togail-dhealbh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Càirn Laighe, Gleann Ruadh

INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig

20l

Eilean I, Eaglais Chille Choirille; Cille Choirille; Gleann Spiothan; càirn, càrn

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection