- TIOTAL
- Rathad tro bheanntan
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0556
- ÀITE
- Gleann Spiothan
- SGÌRE
- Loch Abar
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10476
- KEYWORDS
- Eilean I, Eaglais Chille Choirille
Cille Choirille, Gleann Spiothan

Chaidh an dealbh seo dhen rathad seo tro na beanntan a thogail le M.E.M Donaldson, anns a' chiad leth dhen 20mh linn. Chan eil fhios le cinnt càite an deach a togail ach 's dòcha gun ann air an t-slighe gu Eaglais Chille Choirille, ann an Gleann Spiothan.
Rugadh an neach-togail-dhealbh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban.
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive