Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tobhta de thaigh, Àrd nam Murchan
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0567
ÀITE
Àird nam Murchan
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10487
KEYWORDS
Eilean I
taigh beag
tobhtaichean
Àird nam Murchan
Na Fuadaichean
caoraich
fèidh
ceilp
eiltheireachd
croitean
croit dealbh
taigh
Ruined cottage, Ardnamurchan Peninsula

Chaidh an dealbh dhen tobhta dhen taigh bheag seo air costa Àird nam Murchan, a thogail anns a' chiad leth dhen 20mh linn le M.E.M. Donaldson.

B' e àm de dh'atharrachadh mòr air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a bh' anns an 18mh agus an 19mh linn agus cha robh Àird nam Murchan eadar-dhealaichte bho sin nas motha. Gus na oighreachdan a dhèanamh na bu phrothaidiche, bha uachdarain ag àrdachadh màil agus a' fuadach an t-sluaigh chun a' chosta gus caoraich agus fèidh a chur nan àite. Bha feum air luchd-obrach airson nan gnìomhachasan, leithid cruinneachadh ceilp (feamainn), no iasgach agus pìosan beaga talmhainn air a bheil croitean, a bh' air an cruthachadh airson an luchd-obrach ùr. Bha cuideam air an fhearann bhon a mheudaich an àireamh-sluaigh, ag adhbhrachadh gort. Dh' fhaodadh na croitearan a bhith air an cur às an taighean aig uair sam bith agus b' fheudar do mhòran dhiubh an dùthaich fhàgail.

Rugadh an neach-togail-dhealbh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tobhta de thaigh, Àrd nam Murchan

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan

20l

Eilean I; taigh beag; tobhtaichean; Àird nam Murchan; Na Fuadaichean; caoraich; fèidh; ceilp; eiltheireachd; croitean; croit dealbh; taigh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection