Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tobhtaichean; 's dòcha ann an Obar Phuill
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0584
ÀITE
Obar Phuill
SGÌRE
Taobh Siar Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10503
KEYWORDS
Eilean I
tobhtaichean
Obar Phuill
An Eaglais Bhreac
margaidean
fèilltean
dròbhairean
a' dròbhaireachd
dròbhan cruidh
crodh
turasachd
Ruined buildings, possibly in Aberfoyle

Chaidh na tobhtaichean seo, 's dòcha ann an Obar Phuill, a thogail anns a' chiad leth dhen 20mh linn le M.E.M. Donaldson. Tha Obar Phuill air an t-seann rathad dròbhaireachd bho thuath chun na h-Eaglaise Brice. Chaidh a stèidheachadh aig làrach far am b' urrainn dhan chrodh a dhol tarsainn air dà fhadhail de dh'Abhainn Fhoirfe. Bha an sgìre cudromach ann a bhith a' dèanamh iarann agus anart agus bha ceithir cuaraidhean sglèat ann cuideachd agus b' e sin an treas àite a bu mhotha ann an Alba airson sglèat fhaighinn.

Fhuair an sgìre togail mar àite-turasachd le sgrìobhaidhean Shir Walter Scott, agus thòisich na Bhictòrianaich air a bhith air leth measail air Obair Phuill. 'S dòcha gun e an taigh-seinnse a tha ann an 'Rob Roy', an leabhar aig Scott, an tobhta a tha anns an dealbh seo.

Rugadh an neach-togail-dhealbh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tobhtaichean; 's dòcha ann an Obar Phuill

PEAIRT

20l

Eilean I; tobhtaichean; Obar Phuill; An Eaglais Bhreac; margaidean; fèilltean; dròbhairean; a' dròbhaireachd; dròbhan cruidh; crodh; turasachd;

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection